MG ALBA a’ cur taic ri Sàr Chluicheadair Iomain Cholmcille. | |
04 October 2010 Thèid an sgioba iomain Ghàidhlig, Alba, a-null a dh’Èirinn Dihaoine airson Iomain Cholmcille 4 làn mhisneachd gun glèidh iad Corn Cholmcille airson an dara thuras sreath as a chèile, Bidh iad a’ siubhal cuidehachd leis an naidheachd gu bheil Iomain Cholmcille air taic fhaighinn bho MG ALBA airson duais nan sàr-chluicheadair agus tachartas ùr aig an Fhèis, gèam do bhoireannaich. ‘S e co-fharpais eadar-nàiseanta a tha ann an Iomain Cholmcille eadar Alba agus Èirinn ach le aon rud ga shònrachadh bho gheamannan iomain eadar-nàiseanta eile; Tha Gàidhlig no Gaelige aig na cluicheadairean uile agus feumaidh iad ga bruidhinn fad an t-siubhail. Tha e air a bhith uamhasach soirbheachail a thaobh brosnachadh na Gàidhlig a measg dhaoine òga agus tha e an dùil gum bi tachartas sònraichte eile ann an Indreabhán, Co. na Gaillimhe air 9mh là den Dàmhair. Thuirt manaidsear margaidheachd MG ALBA, Murchadh Moireasdan, “Tha sinn uamhasach toilichte taic a chur ris an tachartas spòrs cudromach a tha seo. Tha e a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig ann an spòrs agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas dha na sgiobaidhean a bhios a’ gabhail pàirt ann an Iomain Cholmcille am-bliadhna.” Chuir manaidsear na h-Alba, Eòghan Stiùbhart fàilte air an taic, “Tha Colmcille fhèin dìreach air leth mar luchd-taice ach tha e cudromach a bhith a’ tarraing air diofar stòrsan gus an tachartas seo a chur air dòigh agus tha mi a’ cur fàilte air an taic a bhios MG ALBA a’ toirt dhuinn am-bliadhna. Tha mi an dòchas gur e cluicheadair agam fhèin a bhios a’ gleidheadh duais an t-sàr-chluicheadair.” Cuideachd, bidh MG ALBA a’ toirt seachad na duaise airson gèam nam ban a bhios a’ tachairt airson a’ chiad uair aig Iomain Cholmcille agus tha Stiùbhart toilichte seo fhaicinn mar leudachadh air an tachartas. “Bidh dà sgioba bho Chonnemara a’ cluich gèam camogaidheachd roimhe ghèam eadar-nàiseanta. Bu mhath leam gèam eadar-nàiseanta a chur air dòigh sna bliadhnaichean ri teachd eadar na boireannaich bho gach dùthaich ach aig an ìre seo bidh e inntinneach gèam camogaidheachd fhaicinn mar thoiseach-toiseachaidh agus tha mi cinnteach gun cuir e ris an Fhèis.” A’ tionndadh dhan ghèam mhòr, tha dragh air Stiùbhart mu dheidhinn Iain MacNeacail bhon Eilean Sgitheanach, aig an robh ri tarraing a-mach às an sguad fo 21 airson a’ ghèam eadar-nàiseanta mhòir ann am Baile Atha Cliath aig deireadh an Dàmhair air sgàth ‘s car na adhbrann roimhe an t-seisean trèanaidh mu dheireadh. Tha e coltach nach eil Iain Moir air faighinn seachad air na trioblaidean a tha air a bhith aige fad na bliadhna ach bidh esan a’ siubhal leis an sguad cuideachd. ‘S e seo an ceathramh ceap Alba aig Sean MacLeòid bho Chamanachd Leòdhais agus tha e a’ coimhead air adhart ris a’ ghèam. “Tha mi fear air bioran! ‘S e fior thuairisgeul eile a bhios ann làn chraicearachd! Tha na balaich Sgitheanach uile nan gaisgich agus chan urrainn dhomh feitheamh airson beagan iomain eadar-nàiseanta a bhith air dòigh!” Tha Iomain Cholmcille a’ faighinn taic-airgid bho Cholmcille, a’ bhuidheann a bhios ag amas air ceanglaichean eadar Gaidheil ann an Alba is Eirinn a neartachadh. Thèid pàirtean den ghèam a chraoladh beò bho Ghaillimh air RTE Raidió na Gaeltachta aig www.rte.ie/rnag no SKY 0166 no FREESAT 753 bho 2 uair feasgar Disathairne. Toisichidh an gèam aig 3.30f. |