Iomain Cholmcille X | |
26 September 2017 Tha Alba air na sguadaichean aca airson Iomain Cholmcille X anns a’ Ghearasdan ainmeachadh. Tha am fèis iomain eadar-nàiseanta airson luchd-labhairt na Gàidhlig a’ còmharrachadh deich bliadhna leis an fhèill as motha a bha riamh ann aig Mòd Loch Abair Disathairne 14mh An Dàmhair 2017. Is e Iain Mac na Ceardaich a bhios na mhanaidsear air sgioba na h-Alba. Bha Iain roimhe na mhanaidsear air Comann Camanachd Leòdhais airson trì bliadhnaichean, agus bidh e a ‘ faighinn taic o Shean MacLeòid agus Doneil MacLeòid, a bhiso a’ cluich don sgioba cuideachd. Tha measgachadh math de chluicheadairean le eòlas air an fhèis fad deich bliadhnaichean agus cuideachd feadhainn òg a bhios a’ cluich airson a’ chiad uair, nam measg, Oliver MacRàth (Ceann Loch Seile), Iain Robinson (Baile Ùr an t-Sleibh) agus Daniel Mac a’ Phiocair (Camanachd an Òbain) Bidh Alba cuideachd a’ cur fàilte air seann laoch Iomain Cholmcille Alasdair “AB” Connor a bhios a’ cluich airson Camanachd Mhelbourne ann an Astràilia. Bidh iad a’ cluich an aghaidh Micheàl Breathnach agus Fir Uladh. Is iad Dr. Ciorstag NicLeòid (Oilthigh Dhùn Èideann) agus Karen NicFhionguin (Òban Latharnach) os cionn sgioba nam ban uair eile. Bidh iad a’ cluich an aghaidh Cois Fharraige Sgioba nam Fear – Sean MacLeòid (Leòdhas) Keith Dòmhnallach (Uibhist) Graham MacIlleDhuibh (Oilithigh Obar Dheathain) Jack Friseal, Mark Friseal (An Gearasdan) Ally “Spod” MacLeòid, Ally MacDhòmhnaill, Daibhidh MacAonghais, Ryan Moireasdan (Camanachd an Eilein) Rhuairaidh Dòmhnallach (Gleann Garaidh), Crisdean MacFhionnlaigh (Loch Carrainn) Conall MacIllechair (Lòbhat), Uilleam MacFhionguin, Doneil MacLeòid (Inbhir Nis), Iain Robinson (Baile Ùr an t-Slèibh), Gòrdan MacCoinnich (Dùn Omhain) Oliver MacRàth (Ceann Loch Seile), Daniel Mac a Phiocair (Camanachd an Òbain) Alex Dunnings (Taigh an Uillt) Alasdair Connor (Melbourne), Eòghainn Caimbeul (A’ Mhanachainn) Eòghan Stiùbhart (Srath Ghlais) Sgioba nam Ban - Caitlin NicGilleathain, Iseabail Law, Sarah Jane NicFhearguis, Kathryn Dibble (Camanachd an Eilein) Alison Nic a’ Phiocair, Claire Delaney, Màiri NicDhonnchaidh (Loch Abair), Claire Ford, Joanna Ford, Eilidh Ros, Annie Dhòmhnallach, Ceit Bradley (Àird nam Murcha) Ashleigh Fhriseal, Kayleigh Marie Woods (An Gearasdan) Karen NicFhionguin (Oban Latharnach) Caitriona Stark, Sophie Tinney (GMA) Tha Iomain Cholmcile a’ faighinn taic o Cholmcille, buidheann a bhios ag amas air ceanglaichean eadar Gàidheil ann an Alba is Èirinn a neartachadh is a leudachadh. Tha Alba a’ faighinn taic o Shabhal Mòr Ostaig. |