Iomain Cholmcille 1500 – Buaidh nan Gàidheal Buan | |
03 November 2022 Thèid an tachartas spòrs Gàidhealach eadar-nàiseanta Iomain Cholmcille a chumail airson a’ chiad uair on tar-sgaoileadh Covid-19 aig Pàirc Pheterson, An Eochair, Glaschu Disathairne 12mh An t-Samhain. Fon ainm Iomain Cholmcille 1500, bidh Gàidheil à Alba agus Eirinn a’ cruinneachadh airson taisbeanadh air leth de spòrs iomain agus ceanglaichean eachdraidheil eadar an dà dhùthaich a neartachadh agus a chomharrachadh. ‘S e 2021 a bh’ ann am Bliadhna Chaluim Chille 1500, ach le bhith a’ cumail an tachartais seo a-nis ann an 2022 tha e a’ comharrachadh ceann-bliadhna sònraichte don fharpais fhèin. Tha Sean MacLeòid à Camanachd Leòdhais air a bhith an-sàs le Iomain Cholmcille bho thus: “Tha sinn a’ còmharrachadh 15 bliadhna de dh’Iomain Cholmcille. Tha e doirbh a chreidsinn gu bheil e cho fada on a chaidh a’ chiad fhear a chumail san Òban ann an 2007. On uairsin, tha an tachartas air a dhol bho neart gu neart agus air a bhith ga chumail ann an Conamara, Gaoth Dobhair, an t-Eilean Sgitheanach agus An Gearasdan. ’S e seo an treas turas a tha e air a chumail ann an Glaschu. “Tha sinn gu math taingeil do Bhòrd na Gàidhlig agus Foras na Gaeilge airson taic a thoirt dhuinn thairis air an ùine sin, agus tha sinn air nochdadh uair as dèidh uair gur e sàr thachartas nan Gàidheal a th’ ann an Iomain Cholmcille. Bidh e a’ toirt cothrom sònraichte do dhaoine òga a bhith a’ cleachdadh Gàidhlig is Gaeilge ann an suidheachadh neo-fhoirmeil, spòrsail, ach le inbhe cudromach don spòrs ann. “Bha e duilich nach b’ urrainn dhuinn Iomain Cholmcille 1500 a chumail ann am Bliadhna Chaluim Chille ach tha sinn glè thoilichte an cothrom a bhith againn aon uair eile na ceanglaichean agus na càirdeasan eadar na Gàidheil ann an Alba is Èirinn a neartachadh a-rithist. “Tha sinn cuideachd glè thoilichte a bhith air ais ann an Glaschu agus a’ cur fàilte air CLG Micheál Breathnach ann an Glaschu airson a’ chiad uair.” Tha Fir Uladh air Corn Cholmcille a thogail an dà uair eile a chaidh an fharpais a chumail ann am Baile Mòr nan Gàidheal. Bha an geam mòr mu dheireadh ann an Glaschu na shealladh iongantach, agus mar sin ‘s cinnteach gum bi latha sgoinneil eile an amharc. Bidh fèill òigridh a’ ruith air an latha cuideachd. Bidh Iomain Cholmcille a’ ruith bho 10-4. Bidh Mná Uladh a’ riochdachadh bhoireannaich na h-Eireann, agus bidh sgioba camogaidh Ghlaschu, Ceann Creige, a’ cluich mar aoighean. Tha Alba air dà sguad laidir ainmeachadh airson latha trang. ’S e Catriona Grace agus Ceit Bradley a tha os cionn sgioba nam ban, agus Alasdair “Digg” MacDhòmhnaill, Alex Dunnings agus Aonghas MacAonghais a tha os cionn sgioba nam fear. Sguad Fireannaich na h-Alba: Stiùbhart Caimbeul, Pòl Diuc (Camanachd Leòdhais) Iain Robinson (Baile Ùr an t-Slèibh) Dan MacDhòmhnaill (Col-Gleann) Fionnlagh MacIlleinein (A’ Mhanachainn) Donnchadh Gorman, Herbie Patterson (Aird nam Murchan) Jamie MacGillIosa, Uilleam MacFhionguin, Ross MacFhionguin, Daibhidh MacAonghais, Raghnall Robasdan, Seumas Robasdan, Sam Mac a’ Phì, Taylor MacMhathain, Iain Aonghas MacAonghais, Gilleasbuig Mac a’ Phiocair (Camanachd an Eilein), Alex Dunnings (Taobh Chruachain), Marc Friseal (An Gearasdan), Aonghas MacAonghais, Daibhidh Moireasdan (GMA) Dithis eile TBC Sguad Boireannaich na h-Alba: – Sarah-Jane Fheargasdan, Caitlin NicIlleathain, Holly NicIlleathain, Lilidh Chaimbeul, Cairistìona Dhòmhnallach, Ceitidh Nic a’ Ghobhainn, (Camanachd an Eilein), Karen NicFhionguin, (Latharna) Ceit Bradley, Annie Dhòmhnallach, Lisa Ford, Raonaid Ford, Niamh NicIllFhaolain, Frangag Dhòmhnallach, (Àird nam Murchan) Claire Delaney, Màiri NicDhonnchaidh, (Loch Abair) Lucy NicLeòid, (Srath Ghlais) Orla Ní Carthaigh, Eimear Ní Carthaigh, (GMA) Catriona Grace |