Alba ag Ainmeachadh Sguad Airson Iomain Cholmcille a Sìa | |
19 September 2013 Thèid a’ cho-fharpais iomain eadar-nàiseanta do luchd-labhairt na Gàidhlig, Iomain Cholmcille, a chumail ann an Indreabhan, Co. na Gaillimhe air an 12a den Damhair 2013. Tha manaidsear sgioba Gàidhlig na h-Alba, Eòghan Stiùbhart, air sguad ainmeachadh a tha a’ tarraing chluicheadairean bho air feadh na h-Alba airson na siathamh farpais anns an t-Sreath a tha air a dhol bho neart gu neart bhon a thòisich e anns an Òban ann an 2007. Feumaidh Gàidhlig a bhith aig gach cluicheadair anns an sguad agus feumaidh iad an cànan a chleachdadh air feadh an turais. Tha am pròiseact air a bhith soirbheachail ann a bhtih a’ toirt misneachd do dh’fhir òga a bhith a’ cur gu feum an cuid Ghàidhlig ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil. Bidh na h-Albannaich a’ cluich dà ghèam nuair a bhios iad thall – geàm dùbhlain an aghaidh Fir Uladh, sgioba a’ riochdachadh Cuige Uladh agus an sgioba eile a tha air a bhith an-sàs anns gach farpais gu ruige seo – CLG Micheal Breathnach. Thèid an gèam seo a chluich airson Corn Cholmcille. ‘S e sgioba an Eilein Sgitheanaich a thog an cupa an turas mu dheireadh air a’ phàirc aca fhèin agus ged nach eil ach sgioba na h-Alba ann an turas seo, bidh an t-Eilean ga riochdachadh gu làidir anns an sguad a-rithist. Ach chan ann a-mhàin bho Eilean a’ Cheò a tha an sgioba a’ tarraing. “Leis mar a tha Camanachd Leòdhais a’ tighinn air adhart agus mar a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ soirbheachadh ann an sgìrean far a bheil iomain làidir, tha caochladh farsaing de dhaoine anns an sguad. Cha do bhuannaich sinn an cupa riamh thall ann an Èirinn agus bidh sinn a’ dèanamh ar dìcheall Corn Cholmcille a chumail ann an Alba.” ars An Stiùbhartach “Gheibh sinn fàilte chridheil ann an Indreabhan agus tha tòrr chluicheadairean a bha ann roimhe ach cuideachd feadhainn a tha a’ siubhal air falbh airson a’ chiad uair. Tha fear-ciùil no dithis a-measg an sguad cuideachd agus bidh craic is ceòl gu leòr ann cuideachd. Tha sinn mu thràth a’ coimhead air adhart ris an fharpais a’ tilleadh a dh’Alba ann an 2014.” Tha Iomain Cholmcille a’ faighinn taic o Cholmcille, a’ bhuidheann a bhios a’ feuchainn ri ceanglaichean eadar Gàidheil na h-Alba is na h-Èireann a neartachadh is a leudachadh. Sguad na h-Alba: Pàdraig Mac na Ceardaich, Aonghas MacLaomainn, Alasdair MacLaomainn, Sean MacLeòid, Seumas Charity (Camanachd Leòdhais), Alasdair MacDhòmhnaill, Dòmhnall Iain Gilpin, Niall Iain Caimbeul, Gilleasbuig MacDhòmhnaill (Camanachd an Eilein), Iain MacNeacail (Lòbhat), Kerr Gibb, Gordon MacCoinnich (Oilthigh Ghlaschu), Crisdean MacFhionnlaigh (Loch Carrainn), Alex Dunnings (Camanachd an Òbain), Marc Friseal (Oilthigh Obar Dheathain), Jack Friseal (An Gearasdan), Doneil MacLeòid (Both Fhleasgainn), Eòghan MacEanraig (Ard nam Murchan) Manaidsear – Eòghan Stewart |