Alba Air Sguad Ainmeachadh Airson Iomain Cholmcille a Hocht | |
28 September 2015 Tha Alba, Sgioba Iomain na Gàidhlig air sguad nam fear ainmeachadh airson Iomain Cholmcille 8 ann an Gaoth Dobhair Disathairne 10 An Damhair 2015. Is e Iomain Cholmcille fear dhe na tachartasan spòrs as sònraichte san t-saoghal, far am feum Gàidhlig na h-Alba no na h-Èireann a bhith aig a h-uile cluicheadair agus a bhith ga chur gu feum air a’ phàirc agus far na pàirce cuideachd. Tha e a’ tilleadh a dh’Èirinn as dèidh a bhith ga chumail gu soirbheachail ann an Glaschu an-uiridh ach airson a’ chiad uair, bidh e ga chumail ann an Conntae Dhùn nan Gall, air neo Tìr Chonnaill anns an sgire Ghaeltacht, Gaoth Dobhair. Tha Eòghan Stiùbhart a’ tilleadh gu dreuchd mar mhanaidsear na sgioba agus mar chluicheadair às dèidh do Aonghas MacDhòmhnaill a dhèanamh an-uiridh cho fad ’s gun robh Eòghan a’ ruith chùisean far na pàirce. Tha e toilichte a bhith air ais ann an dreuchd-cluich a-rithist agus e làn mholadh dhan sguad aige. “Tha sguad beag dìleas againn - bha e doirbh do ghille no dhà na làithean fhaighinn far na h-obrach agus tha feum aig feadhainn a chluich do dara sgioba an Eilein Sgitheanaich ach tha mi riaraichte leis an sguad mar a tha e. Tha measgachadh math de chluicheadairean eòlach, cluicheadairean ùra agus daoine aig a bheil diofar ìrean de Ghàidhlig ach a bhios uile gu math deònach an cànan a chur gu feum agus na sgilean aca, an dà chuid ann an Gàidhlig agus ann an iomain a leasachadh.” “Tha Gilleasbuig MacDhòmhnail ainmeil mar sàr-chluicheadair agus sàr-Ghàidheil agus tha grunn mhath de Sgitheanaich san sguad a tha air cluich aig fìor àrd-ìre am-bliadhna. Tha Eòghainn Caimbeul air a dhèanamh glè mhath don Mhanachainn cuideachd agus esan ann an sguad treanaidh na h-Alba aig aois fo 21, agus tha e math gu bheil an cothrom aig Niall Iain Caimbeul agus Calum Gibb a bhith a’ tighinn air turas mu dheireadh thall. Tha mi toilichte cuideachd gu bheil Lawrence Belleni còmhla rinn, tha esan air Gàidhlig ionnsachadh air a cheann fhèin agus bidh e a’ cur mòran ri cluich agus craic na sgioba.” Chaill Alba an cuach aig an taigh ann an Glaschu an-uiridh agus bidh dùbhlan mòr romhpa thall ann an Èirinn le Fir Uladh agus Cumann Micheal Breathnach a’ feitheamh orra. Airson a’ chiad uair, bidh farpais dha na boireannaich ann, agus bidh co-mhanaidsearan na h-Alba, Catrìona Gibb agus Ciorstaidh NicLeòid ag ainmeachadh an sgioba anns an ath dà latha. Tha sgioba nam Ban a’ faighinn taic-airgid o McIntyre & Co, luchd-lagha anns a’ Ghearasdan. Tha Iomain Cholmcille a’ faighinn taic o Cholmcille, am buidheann eadar-nàiseanta airson ceanglaichean eadar Gàidheil na h-Alba is na h-Èireann a neartachadh is a leasachadh. Sguad Fireannach na h-Alba Greum MacIlleDhuibh, Mark Friseal (Oilthigh Obar Dheathain) Jack Friseal (An Gearasdan) Eòghainn Caimbeul (A’ Mhanachainn) Doneil MacLeòid (Srath Ghlais) Iain Pàdraig Mac na Ceardaich, Pòl Duke, Eòghan Stiùbhart (Camanachd Leòdhais) Iain MacNeacail, Gilleasbuig MacDhòmhnaill, Alasdair MacDhòmhnaill, Niall Iain Caimbeul, Calum Gibb, Iain Mac a’ Phearsain (Camanachd an Eilein) Alasdair Dunnings (Camanachd an Òbain) Lawrence MacNeacail Belleni (Srath Spè) Anndra Grace (Oilthigh Ghlaschu) |