Spòrs nan Gàidheal aig Cridhe Mòd Bhaile nan Gàidheal | |
09 October 2019 Bidh fear de na tachartasan spòrs as cliùitiche ann an spòrs nan Gàidheal a’ tachairt Disathairne seo mar phàirt de Mhòd Nàiseanta Rìoghail Ghlaschu 2019 nuair a bhios Iomain Cholmcille XII, an fharpais iomain eadar-nàiseanta airson luchd-labhairt na Gàidhlig ga cluich air Glasach Ghlaschu/Cinn Chluaidh, Glaschu air Disathairne 12 an Dàmhair. Bidh sgioba Gàidhlig fir na h-Alba a’ cluich an aghaidh sgioba de luchd-labhairt Gàidhlig na h-Èireann, Fir Uladh agus bidh boireannaich Ghàidhlig na h-Alba a’ cluich an aghaidh Cois Fharraige, à Conamara air taobh siar na h-Èireann. Tha Sgiobaidhean Iomain Gàidhlig na h-Alba air na sguadaichean aca airson an fharpais seo ainmeachadh. Airson a’ chiad uair tha cluicheadair ann o Chaolas Bhòid, Stiùbhart Mac an Tàilleir, a’ dol an lùib sguad làn eòlais is chomais. Tha sgioba nam fear air a stiùireadh uair eile le co-mhanaidsearan Sean MacLeòid (Camanachd Leòdhais) agus Aonghas MacAonghais (Glaschu Meadhan Earraghàidheil). Thuirt Sean, a tha air a bhith an-sàs mar chluicheadair agus còidse on a thòisich an fharpais ann an 2007; “Tha mi fhìn agus Aonghas fèar air ar dòigh leis an uimhir de chlubaichean a tha gan riochdachadh agus an talant a tha againn. Bu choir dhuinn aithne thoirt gun tàinig 18 às an 20 san sguad tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus tha sinn gu mòr a’ nochdadh pròis às an obair againn a’ brosnachadh iomain tro mheadhan na Gàidhlig, an-diugh agus san àm ri teachd air feadh na h-Alba. Tha sguad nam bàn air a stiùireadh le Catrìona Gibb, às an Eilean Sgitheanach o thùs, a tha gu math toilichte leis an sguad aice cuideachd. “Tha caochladh math againn de dhaoine a chaidh tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ach tha àireamh mhath againn de dhaoine a dh’ionnsaich Gàidhlig agus a tha a’ cur ri foghlam Gàidhlig cuideachd. Tha sin uile a’ sealltainn na h-ùidh mhòir a tha ann an Gàidhlig ann an spòrs nam bàn an-dràsta.” Thuirt Eòghan Stiùbhart, co-ordanaiche Iomain Cholmcille (Alba). “Tha sinn gu math taingeil do Greum MacDiarmaid o Mhòd Ghlaschu, An Comunn Gàidhealach agus a h-uile duine an-sàs leis a’ Mhòd eachdraidheil seo airson cuireadh gus Iomain Cholmcillle a chumail ann an Glaschu uair eile as dèidh farpais shoirbheachail an seo ann an 2014. Tha sinn a’ dol bho neart gu neart gach bliadhna agus tha sinn a’ coimhead air adhart gus fàilte a chur air ar caraidean Èireannach agus a bhith a’ cur gu mòr ri taisbeanadh air leth de spòrs Gàidhlig air Cinn Chluaidh Disathairne.) Gu dearbh, tha Iomain Cholmcille na prìomh thachartas aig Disathairne Làn Spòrsa. ’S e latha mòra a tha seo le tachartasan òigridh agus Cupannan a’ Mhòid iomain is Ball-coise airson fir is boireannaich ann o 11m. Tha an tachartas an-asgaidh agus tha fàilte ro a h-uile duine. A bharrachd air tabhartasan saor-thoileach agus taic-airgid, tha Iomain Cholmcille a’ faighinn maoineachadh o Bhòrd na Gàidhlig. Sguad nam Fear Donaidh Foirbeis (Tatha For), Greum MacIlleDhuibh (Oilthigh Obar Dheathain/Uibhist), Stiùbhart Caimbeul (Camanachd Leòdhais), Aonghas Òg MacAonghais (Glaschu Meadhan Earraghàidheil), Connor MacLeòid (Glaschu Meadhan Earraghàidheil), Crisdean MacFhionnlaigh (Lochcarrainn), Alasdair Macdhòmhnaill (Camanachd an Eilein), Iain Aonghas MacAonghais (Camanachd an Eilein), Uilleam MacFhionghuin (Camanachd an Eilein), Ryan Moireasdan (Camanachd an Eilein), Sam Mac a’ Phì (Camanachd an Eilein), Seumas MacGillÌosa (Camanachd an Eilein), Alasdair MacLeòid (Camanachd an Eilein), Stiùbhart Mac an Tàilleir (Caolas Bhòid), Iain Mac an t-Sealgair (Inbhir Nis), Marc Friseal (An Gearasdan), Jack Friseal (An Gearasdan), Ruairidh Seathach (An Gearasdan), Pàdraig MacNèill (An Gearasdan), Alex Dunnings (A’ Mhanachainn) Co-mhanaidsearan: Sean MacLeòid (Camanachd Leòdhais) agus Aonghas MacAonghais (Glaschu Meadhan Earraghàidheil) Còrn Cholmcille - Alba V Fir Uladh 2.30f Sguad nam Bàn Claire Ford (Àird nam Murchan), Joanne Ford (Àird nam Murchan), Ceit Bradley (Àird nam Murchan), Annie Dhòmhnallach (Àird nam Murchan), Mara NicIlleathain (Ceann Loch Seile), Ciorstaidh Dibble (Camanachd an Eilein), Iseabail Law (Camanachd an Eilein), Màiri NicDhonnchaidh (Loch Abar), Claire Delaney (Loch Abar), Fionnghal Mhoireach (Tatha For), Ashleigh Fhriseal (An Gearasdan), Kayleigh Nì Ruairc (An Gearsasdan), Orla Nic Carthaigh (Glaschu Meadhan Earraghàidheil), Lauren Doherty (An Gearasdan), Caitriona Stark (Glaschu Meadhan Earraghàidheil), Karen NicFhionguin (Òban Latharnach) Manaidsear: Catrìona Gibb Còrn Sgàthaich - Alba V Cois Fharraige 12.30f |