Na Gàidheil a’ tighinn còmhla aig Glasach Ghlaschu airson Iomain Cholmcille XII - Fir Uladh 3-4 Alba 3-3 | |
14 October 2019 Ged a bha an latha grianach àlainn, bha gaoth làidir ann cuideachd, agus thug seo barrachd cothruim do dh’Fhir Uladh anns a’ chiad leth. ’S e Dearcan O’ Donghaile a fhuair pùing as dèidh cairteal na h-uarach do dh’Fhir Uladh agus ged a bha iad faisg air Fhuair Fir Uladh beagan sealbh nuair a thug a’ ghrian agus a’ ghaoth an càr à Ryan Moireasdan eadar na puist agus chaidh na h-Èirinnich tadhal air thoiseach. Tharraing Stiùbhart Mac an Tàilleir bho Chaolas Bhòid pùing air ais airson Alba ach chuir Odran de Bhaldraithe pùing eile tarsainn o bhuille shaor agus bha an sgòr 1-2 gu 0-1 aig leth ùine. Rinn Alba fada a bharrachd adhartais anns an dara leth. Chuir an sgiobair Iain Aonghas MacAonghais tadhal glè mhath agus an uairsin fhuair Greum MacIlleDhuibh à Uibhist pùing airson na sgòraichean a dhèanamh co-ionnan. Bha Friseal air feadh an àite, agus cha mhòr gun d’fhuair e tadhal eile ach fhuair an caraid-sgioba aige, Pàdruig MacNèill na rathad. Bha làmh an uachdair aig Alba ach bha seann laoch Malachai O hAgain aig Fir Uladh a’ cumail ceann a’ mhaide le dà phùing fa leth le ruith aon-neach làidir bho dhòmhainn san leth aige fhèin. An uairsin, chuir Friseal tadhal eile a-steach agus bha Alba faisg air a’ bhuaidh fhaighinn. Le a bhràthair Jack còmhla ris san loidhne aghaidh, bha an cothrom aig Alba dòchas nan Èireannach a smaladh ach fhuair Cathaoir O’ Caiside tadhal air ais. ’S e MacAonghais a fhuair pùing o chluiche airson Alba a chuir dà phùing air thoiseach a-rithist le còig mionaidean ri dhol. An uairsin, fhuair Alba buille shaor mu ceathrad slat on tadhal. Cha robh aig Marc Friseal ach am ball a chur a-null airson dà phùing on làr ach airson adhbhar air choireigin chuir e am ball air an talamh a’ feuchainn air na trì pùingean. Rinn seo cròn air Alba gu mòr, agus le mionaid ri dhol ghabh Fir Uladh brath air seo agus chuir de Bhaldraithe tadhal nach b’ urrainn do Mhoireasdan a stad. Cha robh an tìde no an cothrom aig Alba a thilleadh air ais, agus bha Fir Uladh air Còrn Cholmcille a bhuannachadh airson a’ chiad uair o 2014 leis an sgòr 13-12. Choisinn Iain Aonghas MacAonghais duais an t-sàr-chluicheadair ge-tà agus bha an sgiobair àiridh air gach moladh airson geam làn spionnadh is neart. Ann am farpais nam bàn, chluich dà sgioba à Alba an aghaidh Cois Fharraige. Anns a’ gheam eadar Alba A is Alba B, bha Màiri NicDhonnchaidh aig bàrr le hat-trick agus bhiodh i air ceathramh tadhal fhaighinn mura robh an caraid-sgioba aice o Loch Abar air a thionndadh a-steach dhan lìon aice fhèin. Chrìochnaich an geam seo 7-1 gu Alba A, le tadhal eile airson Alba A bho Annie Dhòmhnallach, Ceit Bradley agus Catrìona Gibb, agus fhuair Lauren Doherty tadhal airson Alba B. Anns na geamaichean an aghaidh nan Èireannach chaidh Cois Fharraige air thoiseach dà thadhal gu neoni tro Eabha Ní Chonlain agus Aoife Nic Cormaic mus d’fhuair Ashleigh Fhriseal tadhal air ais. Bha seo a’ fàgail Còrn Sgàthaich mar gheam eadar Alba A is Cois Fharraige agus bha cùisean a’ coimhead gu math dòchasach do dh’Alba nuair a chuir Màiri NicDhonnchaidh iad air thoiseach, ach an uairsin bha Maire Ní Fhrighil a’ faighinn hat-trick a thug Còrn Sgàthaich air ais a Chonamara. ’S e Ní Fhrighil a fhuair duais na sàr-chluicheadair cuideachd. Aig deireadh latha trang de spòrs air Glasach Ghlaschu, bha Iomain Cholmcille na phrìomh thachartas de spòrs tro mheadhan na Gàidhlig a thug tlachd dha na cluicheadairean agus an luchd-amhairc air fad. Thuirt Eòghan Stiùbhart Co-ordanaiche Iomain Cholmcille (Alba) “Bha sinn uabhasach taingeil gu Mòd Ghlaschu airson cuireadh ar farpais ainmeil a chumail aig a’ Mhòd agus aig goireas cho math. Bha sinn glè thoilichte gun robh Maolcholaim Scott o Fhoras na Gaeilige an làthair, tha e fhèin air taic a chumail rinn an co-chomunn le Bòrd na Gàidhlig fad dusan bliadhna.” “Ged a chaill na h-Albannaich, bha sinn gu math toilichte gun robh dà sguad cho òg is easgaidh againn agus thug daoine misneachd mhòr às na cothroman a fhuair iad.” Ann an geamannan eile iomain aig a’ Mhòd, bhuannaich Glaschu Meadhan Earra-ghaidheil air builllean-peanais an dèidh crìochnachadh co-ionnan le Eilean Bhòid, agus ann an Cupa a’ Mhòid nam Bàn, rinn GMA an gnothach air na Bana-bhòidich 9-0. Bhuannaich Gàidheil Ghlaschu Cupa Mòd na Cloinne an aghaidh Gleann Dàil. |