Luchd-Lugha a’ Ghearasdain McIntyre & Co a’ cur taic ri sgioba nam Ban aig Iomain Cholmcille 8 | |
06 October 2015 Nuair a bhios Sgioba nam Ban-ghàidheal a’ dol air a’ phàirc aig a’ Mhachair Gamhlán ann an Gaoth Dobhair, Èirinn Disathairne, bidh iad a’ cluich le làn thaic companaidh-lagha Gàidhealach. Tha an luchd-lagha, McIntyre & Company, a bhios stèidhichte anns a’ Ghearasdan, air taic-airgid a chur mu choinneamh an sgioba airson an turas aca gu Iomain Cholmcille ann an Èirinn. ’S e seo a’ chiad uair a bhios boireannaich a’ farpais aig an tachartas shònraichte airson Gàidheil agus mar sin bha e deatamach gum biodh uidheamachd agus deiseachan spaideil aca. Bidh suaicheantas a’ chompanaidh a’ nochdadh gu dà-chànanach air lèintean an sgioba agus tha e freagarrach gun robh tè a bhios a’ cluich do dh’Alba agus a thàinig tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig anns a’ Ghearasdan, Ashleigh Fhriseal, ann airson an taic sin a chòmharrachadh còmhla ris a’ chompanaidh. Thuirt Ashleigh “Taing mhòr gu McIntyre & Company airson an taic aca. Rinn e feum uamhasach dhuinn airson ar ciad thuras a-null a dh’Èirinn. Bidh mo bhràithrean a’ cluich airson sgioba nam fear agus tha mi an dòchas gum an turas a’ còrdadh rinn ceart cho math ’s a tha air còrdadh riuthasan. Tha an co-fharpais seo sgoinneil airson ar cuid Ghàidhlig a leasachadh aig aon àm a bhios sinn a’ cluich spòrs nan Gàidheal. Tha sinn cinnteach gum bi sinn a’ cumail oirnn anns na bliadhnaichean ri teachd agus bidh na lèintean ùra agus an taic-airgid eile o MhcIntrye & Co, a’ toirt buaidh airson ùine mhòr fhathast.” Ars Carol Ross o McIntyre & Company “Tha iomain na spòrs cudromach nar cultar, nar n-eachdraidh agus nar linn fhèin agus tha e a’ sìor-fhàs mar spòrs do bhoireannaich. Tha McIntyre & Company air ar dòigh taic a thoirt do Sgioba Iomain nam Ban-Ghàidheal am-bliadhna agus tha sinn a’ guidhe gach sonas dhaibh an aghaidh ar Co-Ghàidheil ann an Èirinn.” Tha an sgioba cuideachd air taic-airgid fhaighinn o Cholmcille, am buidheann a bhios a’ cur taic ri Iomain Cholmcille gach bliadhna, agus a bhios ag amas air ceanglaichean eadar Gàidheil ann an Alba is Èirinn a leasachadh is a neartachadh. Bidh Alba a’ cluich Mná Uladh airson Corn Scáthaigh Disathairne aig 2.30uf. Bidh fiosrachadh air an duilleig Facebook https://www.facebook.com/IomainCholmcille Anns an dealbh - Clare Ruiseil (McIntyre & Co), Ashleigh Fhriseal (Alba) agus Marie-Luise NicDhòmhnaill (McIntyre & Co) Is e Catrìona Gibb às an Eilean Sgitheanach a tha na manaidsear air sgioba nam ban, agus tha i air sguad a thaghadh a bhios a’ tarraing o dhiofar sgìrean. Sguad nam Ban - Catrìona Gibb, Iseabail Law, (Camanachd an Eilein) Ceitidh Nic-a-Phì, Eilidh NicPhàidein, Màiri Duncan, Annie Dhòmhnallach, Ceit Bradley, Eilidh Ros, Joanne Ford, (Ard nam Murchan) Ashleigh Fhriseal (An Gearasdan) Sarah-Jane Fheargastan, Karen NicFhionguin (Latharna) Ciorstaidh NicLeòid (Oilthigh Dhùn Èideann) |