Fir na h-Alba a’ dèanamh “an t-Slaim Mhòr” aig Iomain Cholmcille | |
18 November 2018 Bha Iomain Cholmcille, an co-fharpais iomain eadar-nàiseanta airson Gàidheil, ga chumail ann an Gaoth Dobhair Disathairne agus ’s e sgioba na h-Alba a thog Corn Cholmcille agus Mná Uladh Còrn Sgàthaich. Ann am farpais nam fear, bha latha fada ro na h-Albannaich le geamannan dùbhlanach an aghaidh nan trì sgioabidhean Èireannach a bha an lathair, Cumann Micheál Breathnach, Fir Uladh agus Na Gaeil Óga, mus cluicheadh iad an sgioba a b’ fheàrr. Bha an sgioba fo stiùir Aonghas MacAonghais o GMA agus Sean MacLeòid o Chamanachd Leòdhais. Thòisich iad làidir an aghaidh Cumann Micheál Breathnach sa mhadainn agus gu math luath bha Somhairle MacDhòmhnaill agus Stiùbhart Caimbeul a’ nochdadh gun robh iad a’ dol a dh’obair ri chèile gu math a’ faighinn tadhal an urra. Bha an dithis sheann laoich ag obair air leth còmhla ri Pàdraig MacNèill às a’ Ghearasdan agus Uilleam MacFhionguin à Both Fhleasgain agus Camanachd an Eilein. Aig tòiseach an darna ghèam an aghaidh Fir Uladh, dh’fhosgail Somhairle a chunntas a-rithist le urchair cho luath nach fhaca am fear-glèidhidh i fhathast. Bha buaidh aig a’ ghaoith air a’ chluich, ach rinn na h-Albannaich feum nas fheàrr dheth leis a’ bhall air an talamh. Bha Greum MacIlleDhuibh agus Rhuairidh Dòmhnallach a’ dèiligeadh gu math le gach ionnsaigh agus bha am ball a’ gluasad suas gu Somhairle tro MacFhionguin agus MacNèill gu siubhalach. Chuir Alex Dunnings dà phùing shònraichte thar a’ mhaide-tarsainn airson an geam a chrìochnachadh le Alba gu math comhfhurtail. Anns an treas geam, fhuair na h-Albannaich crathadh mòr an aghaidh Na Gaeil Óga à Baile Atha Cliath. Ged b’ iad an sgioba Eireannach a bu laige, ’s e geam glè chruaidh a bha seo. Cha robh Alba cho rèidh leis gun robh na manaidsearan a’ toirt faochadh do chuid de na cluicheadairean as motha, ach mu dheireadh thall rinn iad an gnothach le puingean o Jack Friseal agus tadhail o Shomhairle Anns a’ chuairt dheireannach, chonnich Alba ri Micheál Breathnach a-rithist. As dèidh dhaibh an gnothach a dhènamh air Fir Uladh san lìog, bha an dà là air tighinn air sgioba Chonamara, agus ged a bha iad gann de chluicheadairean le daoine leòinte, thug iad dùbhlan mòr dha na h-Albannaich. Thòisich na Breathnaich a bu làidire agus chaidh iad dà phuing air thòiseach. Ach tharraing Somhairle tadhal air ais agus bha cùisean a’ coimhead gealltanach nuair a thòisich iad an darna leth. Bha cothroman sònraichte aig Somhairle agus Pòl Duke an geam a chur à sealladh ach cha do ghabh iad iad agus an uairsin chaidh na Breathnaich air thòiseach le tadhal, ach rinn Duke agus Somhairle suas airson sin, Somhairle a’ dèanamh an sgòr co-ionnan le tadhal air a’ bhuille mu dheireadh den ghèam a thug an geam gu ùine a bharrachd, agus an uairsin Duke a’ cur pùing a chur beàrn ceithir pùingean eadar na sgiobaidhean as dèidh do MhacFhionguin sgòradh tràth sa chiad leth a bharrachd. Fhuair na Breathnaich tadhal air ais air an fhideag sa chiad leth, ach chluich Alba anabarrach math san darna leth a chaidh gun sgòr agus nuair a chrìochnaich an geam le Alba a’ glèidheadh Còrn Cholmcille airson an darna bliadhna ann an sreath agus air an gnothach a dhèanamh air Cumann Micheál Breathnach airson a’ chiad uair ann an gèam farpaiseach ann an Èirinn cuideachd. Rinneadh gàirdeachas mòr leis an luchd-leantainn aig Alba agus chaidh iad air a’ phàirc ann an ciaradh an latha fo ghealach Gaoth Dobhair. Chaidh duais an t-sà-chluicheadair a bhuileachadh air Somhairle MacDhòmhnaill as dèidh nan euchdan aige le naoi tadhail tron latha ’s e a’ nochdadh sàr sgìlean dhan òigridh a bha an lathair. Thuirt co-mhanaidsear na h-Alba Sean MacLeòid “Tha sinn fear air ar dòigh leis an fharpais an-diugh. ’S e rud mòr a bh’ ann na Breathnaich a bheatadh ann an Èirinn, ach cuideachd gun robh na balaich againn uile a’ sabaid dhan mhionaid mu dheireadh agus ga bhuannachadh ann an dòigh cho math. As dèidh don phròiseact fhèin Duais na Gàidhlig fhaighinn, ’s e deagh sheachdain a bh’ ann dhuinn agus thug an deireadh -seachdain misneachd mhòr dhan a h-uile duien a bha an sàs ann. Ar taing do Phàdraig O Mianain agus Daithi Roberts o Uladh airson gach rud a chur air dòigh dhuinn.” Ann am farpais nam bàn, chaidh an sgioba aig Catrìona Gibb air thòiseach le tadhal tro Christy Nic an t-Saoir à Loch Abair an aghaidh Cois Fharraige, ach thàinig sgioba Chonamara air ais. Bha Cois Fharraige air chall an aghaidh Mná Uladh tràth san fharpais, agus mar sin bha gèam doirbh an amharc aig na Ban-Albannaich. Bha Kayleigh-Marie Woods eadar na puist sònraichte math agus chum ise an sgòr sìos. Bha sgioba làn de chluicheadairean a bha air tiotalan mòra a thogail le clubaichean mar Sleacht Néill aig Mná Uladh agus cha robh cus cothrom aig na h-Albannaich cùisean a thionndadh, ach chluich iad gu h-easgaidh agus lean iad orra a’ cluich gu cruaidh gus an deireadh. Thuirt Gibb “Bha mi gu math toilichte le oidhirpean an sguad. ’S e sguad caran tana a bha againn ach fhuair iad eòlas gu leòr às an latha a bheir buannachd dhuinn san àm ri teachd. Tha e cudromach gum bi na cothroman seo ann airson daoine òga, agus bha sinn gu math toilichte gun d’fhuair sinn aithneachadh aig Duaisean na Gàidhlig. |