Iomain Cholmcille - Na Shoirbheachas Mòr Aon Turas Eile. | |
12 October 2010 Chaidh Iomain Cholmcille, an co-fharpais camanachd eadar-nàiseanta tro mheadhan na Gàidhlig, a chumail ann an Indreabhán, Co. na Gaillimhe Disathairne agus bha na shoirbheachas mòr a-rithist airson spòrs agus cànan nan Gàidheal. ‘S e Cumann Mícheál Breathnach a bhuinnig an gèam an aghaidh Gaidheil na h-Alba 15-13 ach fhuair a h-uile duine a bha an sàs ann buannachd mhòr às a’ chùis a mhair trì làithean ann an Gaeltacht an Chois Fharraige. A bharrachd air a’ ghèam eadar-nàiseanta mhòr bha taisbeanadh de chamogaidheachd ann agus coidseadh òigridh cuideachd. Thug na h-Albannaich cuairt dha na h-Eileanan Arainn cuideachd agus bha càirdeas agus gàirdeachas eadar an dà sgioba an dèidh a’ ghèam aig ceilidhean. Ged a fhuair sgioba na h-Alba fàilte bhlàth, cha robh e uamhasach grianach air an latha. Thoisich na h-Albannaich le gaoth làidir rin cùlaibh agus fhuair iad le dà phuing gu tràth bho Aonghas MacDhòmhnaill a chuir 7 puingean tron latha uile gu leir. Bha na h-Albannaich a’ cluich gu làidir agus gu sgiobalta le Crisdean MacFhionnlaigh à Loch Carrainn a’ nochdadh sa chùis agus chuir e puing mhath tarsainn. Fhuair Sean MacLeòid puing mhath agus bha an Leòdhasach beag fear air a dhòigh leis ach gu mì-fhortanach cha tug na h-Albannaich gu leòr dhe na cothroman a bha aca sa chiad leth. Bha a’ ghaoth làidir na cuideachadh mòr dha na Breathnaich anns an dara leth agus bha Adrian agus Enda O Tuathail gu math cudromach a’ cur puingean. Ged a bha e doirbh dhan luchd-dìon aig Alba am ball a chlìoradh, thàinig iad air ais agus chuir iad buille shaor gus lamh an uachdar a chumail. Bha iad comhfhurtail gu leòr mus do chuir Seumas MacRàth a chaman ri ball cunnartach a-steach bho mheadhan na pàirce bho Sheán O Finneadha agus stiùir e e seachad air a’ cho-ogha fhèin, Donnchadh MacRàth eadar na puist. Bha na Breathnaich co-ionnan an uairsin agus mu dheireadh chuir iad tadhal eile tro Naoise Ó Lionáird agus bha iad an toiseach airson a’ chiad uair. Chuir Aonghas Mac Dhòmhnaill dà phuing le còig mionaidean ri dhol ach an uairsin rinn faisg air leth mhille aig a’ ghèam toileachas mòr nuair a dh’fhalbh an fhideag diog as dèidh Daibhidh Grannd a’ call cothrom gus an sgòr a dhèanamh co-ionnan. Thuirt an craoladair Gaeilge ainmeil Seán Bán Breathnach a tha na chathraiche aig Cumann Mícheál Breathnach “B’ e seo an gèam a b’ fhèarr a tha air a bhith ann bho 2007 agus tha e a’ fàs nas fhèarr agus nas fhèarr gach bliadhna. Tha sinn ag iarraidh a thighinn a dh’Alba ann an àireamhan mòr an ath bhliadhna. Bha am manaidsear aig ALBA, Eòghan Stiùbhart eadar dà bheachd “Tha mi cho duilich gun do chaill sinn nuair a bha sinn cho faisg ach air an làimh eile, mar duine a tha an-sàs ann a bhith a’ cur air dòigh na h-iomairt, tha mi cho toilichte gun robh gèam faisg, cruaidh ann agus gun robh an àireamh de dhaoine ann. Tha e a’ cur ris an tachartas agus tha sinn gar n-ìrisealachadh leis an aoigheachd a fhuair sinn bho mhuinntir na sgìre.” Thog Adrian O Tuathail agus Iain MacNeacail na duaisean sàr-chluicheadair MG ALBA aig deireadh a’ ghèam ach mhòl Stiùbhart na h-oidhirpean aig a sguad air a’ phàirc agus far na pàirce. “Cha do chuir sinn gu leòr phuingean anns a’ chiad leth nuair a bha a’ ghaoth leinn ach chan urrainn dhomh càineadh a dhèanamh. Cuideachd, bha mi air mo dhòigh leis mar a chleachd iad uile Gàidhlig ri chèile air a’ phàirc agus anns an taigh-òsta. Bha e cudromach a bhith ann an coimhearsnachd far a bheil Gàidhlig anns a h-uile àite agus thàinig a’ Ghàidhlig aig na gillean air adhart gu mòr. Bu mhath leam Crisdean MacFhionnlaigh a mholadh gu mòr airson sin gu h-àraidh.” Chaidh an Corn Ceilteach Cholmcille a thoirt seachad do dh’Enda O Tuathail le Ailean Milton, an stiùiriche conaltraidh aig Cumann Lùth-chleas na nGael agus thuirt e “’S e gèam sgoinneil a bha ann agus feuch sinn faicinn dè taic as urrainn dhuinn a chur ris anns na bliadhnaichean ri thighinn.” Gheibhear Iomain Cholmcille taic bho Cholmcille, a’ bhuidheann a bhios ag amas air na ceanglaichean eadar Gaidheil ann an Èirinn agus Alba a neartachadh agus a leudachadh. Leis cho soirbheachail ‘s a bha an tachartas seo, ‘s e follaiseach gun d’fhuair iad luach an airgid. |