Live Scottish Hydro Camanachd Cup Action In Gaelic. | |
16 September 2010 Gaelic speaking shinty fans will have the opportunity to hear this year’s Camanachd Cup final in Gaelic on Saturday 18 September 2010 when Radio nan Gaidheal broadcasts live from the Bught Park. The main commentator will be Skye Camanachd’s Eòghan Stewart and alongside him summarising will be Skye Camanachd midfielder Gilleasbuig MacDonald and Lovat based shinty expert Iain Campbell. This will be Eòghan’s first time commentating on a game although he has plenty of previous radio experience. Everyone who knows him knows he can’t stop talking so it won’t worry him to be on the microphone for the whole afternoon. Eòghan is also involved in coaching the Skye Camanachd youngsters and will be helping Willie Cowie with the Skye Camanachd B team as the face Milngavie & Bearsden in the Scottish Hydro Development Cup before the big game. Listen to the game live from 2pm on Radio nan Gaidheal 103.5 -105 FM or even turn down your TV volume to hear the boys commentate live from the game. Sgitheanaich gu bhith ag aithris air Cupa na Camanachd beò air Radio nan Gaidheal. Bidh luchd-leantainn iomain aig a bheil Gàidhlig a’ faighinn a’ chothruim a bhith ag èisteachd ri cuairt dheireannach Chupa na Camanachd anns a’ Ghàidhlig Disathairne nuair a bhios Radio nan Gàidheal a’ craoladh beò bho Phàirc a’ Bhucht. ‘S e an duine a bhios ag aithris air a’ ghèam, Eòghan Stiùbhart aig Camanachd an Eilein agus còmhla ris, a’ toirt iomradh air tachartasan, bidh Gilleasbuig MacDhòmhnaill, cluicheadair meadhain aig an Eilean, agus Iain Caimbeul, an eòlaiche iomain à Lòbhat. ‘S e seo a’ chiad uair a tha Eòghan air a leithid a dhèanamh ged tha e air mòran a dhèanamh air an radio gu ruige seo. Tha fios aig a h-uile duine as aithne dha cho cabach is cho beulach sa tha e ‘s mar sin cha chuir e dragh air a bhith air a’ mhaicreafòn fad an fheasgair. Tha Eòghan an sàs ann an coidseadh òigridh Camanachd an Eilein agus bidh e a’ cuideachadh Uilleam Cowie ron a’ ghèam mhòr nuair a bhios Camanachd an Eilein B a’ cluich an aghaidh Mhuileann Dhaibhidh agus Chille Phàdraig Ùir ann an Cupa Leasachaidh Scottish Hydro sa mhadainn. Eìst ris a’ gheam bho dhà uair feasgar air Radio nan Gaidheal 103.5-105 FM. |