Sgioba Gàidhlig a’ tilleadh a Ghaillimh airson Iomain Cholmcille 4. | |
09 September 2010 Bidh sgioba camanachd na Gàidhlig, Alba, a’ tilleadh a dh’Èirinn airson geam eadar-nàiseanta an aghaidh na h-Èireann eadar 8-11 an Dàmhair air sgàth ‘s taic airgid bho Cholmcille, a’ bhuidheann a’ bhios a’ brosnachadh cheanglaichean eadar Gaidheil ann an Alba is Èirinn. Cuideachd, tha Alba air an sguad aca ainmeachadh airson a’ chuairt agus tha coltas gu math farsaing air. ‘S e prìomh àmas a’ phroiseict seo cothrom a thoirt do dh’fhir òga aig a bheil Gàidhlig is Gaeilge an cànan a chur gu feum ann an àrainneachd spòrs agus tha e air a bhith gu math soirbheachail o chionn ghoirid. Thoisich an iomairt ann an 2007 le gèam eadar-nàiseanta eadar CLG Michéal Breathnach a bhios a’ riochdachadh Gàidhlig na h-Èireann agus Sgioba na h-Alba, taghadh de chluicheadairean aig a bheil Gàidhlig bho air feadh na h-Alba a’ cluich airson Corn Cholmcille anns an Òban. Ghabh na h-Albannaich cuairt a Ghaillimh anns an Dàmhair 2008 mus tàinig na h-Èireannaich a-nall airson Iomain Cholmcille a Trì na bu tràithe sa bhliadhna. Chaidh an tachartas 2009 a chur dheth gus an Gearran 2010 nuair a chaidh a chumail ann am Port Rìgh anns an Eilean Sgitheanach. Bha an tachartas air leth soirbheachail agus ‘s e seo an treas turas a bha an co-fharpais air a ruith le coidseadh òigridh agus cèilidhean Gàidhealach na lùib. Fhuair an tachartas moladh mòr airson iomhaigh na Gàidhlig a thogail san sgìre bho iomadh duine, nam measg an craoladair Gàidhlig, An t-Oll. Tormod Dòmhnallach. Tha manaidsear na h-Alba, Eòghan Stiùbhart, air caochladh farsaing de chluicheadairean bho air feadh na h-Alba a thaghadh airson a’ cheathramh cho-fharpais seo. Mar as àbhaist, tha tòrr Sgitheanaich an lùib an sguad ach airson a’ chiad uair riamh tha cluicheadair bho gach sgioba air taobh iar-thuath na Gàidhealtachd gu bhith ann. Thuirt am manaidsear, tha na thidsear Gàidhlig aig Àrd-sgoil Phort Rìgh, “Tha na h-àireamhan de chluicheadairean le Gàidhlig gu math pailt an-dràsta, gu h-àraidh le foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ soirbheachadh agus tha mi cho toilichte gu bheil feadhainn bho Cheann Loch Seile agus Loch Carrainn gu bhith an-sàs ann. A dh’innse na fìrinn dh’fhaodadh dà sguad a bhith agam agus bu toigh leam barrachd tachartasan le iomain is Gàidhlig a’ ruith còmhla a chur air dòigh tron bhliadhna.” Tha Stìubhart air Aonghas MacDhòmhnaill bhon EIlean Sgitheanach ainmeachadh mar iar-mhanaidsear cuideachd agus bidh iad an dòchas gun gleidh iad an cupa as dèidh dhaibh a bhuannachadh ann an Port Righ sa Ghearran. Tha ceòl gu leòr anns an sguad le Kerr Gibb, Dòmhnall MacDhòmhnaill, Eòghann MacEanraig, Ailean Dòmhnallach agus AB Connor uile an sàs gu mòr ann an ceòl. Tha Dòmhnall MacLaomainn uamhasach measail air cèol na fìdeig cuideachd. Bidh na cluicheadairean a’ cluich aig cèilidhean ann an Indreabhán agus anns na h-Eileanan Arainn nuair nach bi iad a’ coidseadh is a’ cluich. Ars Stiùbhart ann an co-dhùnadh “‘S e fìor Ghàidhealtachd a tha anns na h-Eileanan Arainn agus tha sinn a’ coimhead air adhart ris a’ phàirt seo den chuairt gu mòr. Tha làn fhios againn gu bheil sinn a’ riochdachadh ar cànan agus ar cultar a bharrachd air ar spòrs thall an sin agus nì sinn a h-uile duine pròiseil àsainn. ‘S e cothrom gu math cudromach a tha seo do thòrr dhe na balaich is bidh iad a’ gabhail ris a’ chothrom Gàidhlig a bhruidhinn. Tha am pròiseact a’ neartachadh an cuid Ghàidhlig agus an cuid càirdeas cuideachd is tha sinn cho taingeil do Cholmcille agus do Chomann na Camanachd airson an làn-thaic a bhios iad a’ cur dhuinn gach bliadhna.” |