Iomain Cholmcille a Còig gu bhith san Eilean | |
03 February 2012 Thèid an còigeamh cluiche de dh’Iomain Chomcille, an co-fharpais iomain eadar-nàiseanta eadar luchd na Gàidhlig ann an Alba is Èirinn, a chumail ann am Port Rìgh, an t-Eilean Sgitheanach air Disàthairne 7mh den Ghiblean. On a thòisich an co-fharpais seo san Òban ann an 2007, tha an strì air a bhith eadar sgioba na h-Alba agus CLG Micheal Breathnach, a’ riochdachadh na h-Èireann ach am bliadhna bidh crùth air. Chaidh Iomain Cholmcille a chur air chois le taic-airgid o Cholmcille, am buidheann airson ceanglaichean eadar na Gaidheil ann an Alba is Èirinn a neartachadh. Ach, leis an tachartas a’ sìor-fhàs nas soirbhichile gach bliadhna, bha ùidh aig Colmcille a’ chùis a leudachadh. Airson a’ chiad uair, bidh ceithir sgiobaidhean ann, a dhà a’ riochdachadh iomain na h-Alba, Alba fhèín agus sgioba a’ riochdachadh an Eilein Sgitheanaich, agus a dhà a’ cluich iomain na h-Èireann, Micheal Breathnach agus sgioba o Uladh. Tha seo a’ coileanadh àmas Cholmcille gum biodh Èirinn a Tuath (no an Tuaisceart ann an Gàidhlig na h-Èireann) a’ gabhail pàirt sa ghnòthach. Thèid an co-fharpais a chumail aig Pàirc nan Laoch, dachaigh Camanachd an Eilein, fear dhe na goireasan iomain as fheàrr ann an Alba agus bidh crùth ùr air a’ cho-fhaprais cuideachd. Thuirt Eòghan Stiùbhart co-ordanaiche a’ phroiseict: “Leis a’ cheithir sgiobaidhean, tha an cothrom againn geamannan a chluich eadar na sgiobaidhean bhon aon spòrs – chan ann tric a gheibh muinntir na camanachd cothrom air “hurling” fhaicinn agus an rathad eile. Mar sin bidh iar-chuairt dheireannach eadar an dà sgioba àlbannach agus fear eadar na h-Èireannaich. An uairsin thèid dà gheam a chluich fo na riaghailtean co-rèitichte eadar na sgiobaidhean a chaill agus a bhuannaich. Chan e buannachadh an rud as cudromaiche ge-tà, ged a bhios Eòghan a’ dèanamh cinnteach gun dèan an sgioba aige cho math ‘s a b’ urrainn dha an co-fharpais a ghleidheadh. ‘S e ath-bheòthachadh cànain a tha anns a’ phrìomh àmas aig a’ phroiseact. “”S e a tha ann, nach eil cothroman gu leòr aig fir òga Gàidhlig a bhruidhinn ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil, tha ceòl agus dannsa ann do chuid ach ‘s ann tro spòrs ‘s urrainn dha fada a bharrachd tighinn ri chèile agus an cànan a chleachdadh gu nàdarrach is gu furasta.” “Chan eil ach aon riaghailt, ‘s e gum bruidhinn cluicheadairean Gàidhlig ann an treanadh agus air a’ phàirc. Gu dearbh, ‘s urrainn don reitire cairt dhearg a thaisbeanadh do dhuine sam bith nach bhruidhneas i ach cha do thachair sin riamh. Bidh a h-uile duine a’ gabhail ris agus taobh a-staigh latha, tha feadahinn nach eil a’ bruidhinn Gàidhlig cho tric (ge b’e an t-adhbhar) a’ togail misneachd ‘s iad cho fileanta ri càch.” “An turas mu dheireadh a bha na Breathnaich a-bhos, rinn e tòrr airson Gàidhlig san Eilean Sgitheanach. Bha gillean òga a bha dileas dhan iomain agus aig an robh Gàidhlig a’ faicinn gun robh cothroman mar seo fosgailte dhaibh. Tha na Breathnaich nan deagh eisimpleir air mar a tha comann spòrs air a ruith tro mheadhan chànain Cheilteach agus tha sinn an dòchas gun cuidich an co-fharpais seo Gàidhlig agus iomain a chol bho neart gu neart a chèile.” Iomain Cholmcille a Còig -
More information will appear on www.skyecamanachd.com |