Sguadaichean Air An Ainmeachadh Airson Iomain Cholmcille 9 | |
22 July 2016 Thèid Iomain Cholmcille, an co-fharpais eadar-nàiseanta iomain airson luchd na Gàidhlig a chumail ann an Indreabhán, Gaillimh eadar 30 Iuchar 2016 agus 1 Lunasdal 2016. Is e seo Iomain Cholmcille a Naoi agus tha e a' tilleadh gu Conamara airson a' cheatgramh uair. Is e Cumann Micheál Breathnach a tha a' cumail na farpaise agus iadsan a' tilleadh dhan tachartas airson a' chiad uair o 2013. Bidh dà sgioba Albannach a' dol ann - Fir na h-Alba agus Sgioba nam Ban - leis gu bheil a' mhòr-chuid de chluicheadairean an-sàs ann an teis-mheadhan an t-seusain, tha coltas òg agus leasachaidh air sguad nam fear aig Eòghan Stiùbhart, ach tha sguad nas làidire aig sgioba nam ban aig Catrìona Gibb agus Ciorstaidh NicLeòid na bha aca an-uiridh nuair a ghabh iad pàirt airson a' chiad uair. Is e brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig agus ionnsachadh na Gàidhlig a th' anns a' phrìomh amas aig Iomain Cholmcille agus tha e air a dhol o neart gu neart on a thòisich e ann an 2007 anns an Òban. Bidh na h-Albannaich an-sàs ann an coidseadh òigridh agus tachartasan ceòlmhor cuideachd. Thathar an dùil gun till an tachartas soirbheachail seo gu Alba ann an 2017. Thuirt Eòghan Stiùbhart, co-ordanaiche a' phròiseict "Tha dùbhlan romhainn leis fu bheil mòran chluicheadairean an-sàs ann am farpaisean aig an ìre seo, ach 's e sguad easgaidh làn dhaoine deònach Gàidhlig a chleachdadh agus deagh iomain a chluich a tha aig na fir. Tha na boireannaich a' cur fàilte air tòrr nach b' urrainn cluich an-uiridh, le feadhainn a chaidh ainmeachadh ann an sguad treanaidh na h-Alba airson chiad uair a' nochdadh ann. Tha sinn taingeil airson gach taic agus bu chòir dha barrachd cuideam a chur air spòrs mar dhòigh airson an cànan a bhrosnachadh." Tha Iomain Cholmcille a' faighinn taic-airgid o Cholmcille, a' bhuidheann a tha na chompairteachas eadar Foras na Gaeilge agus Bòrd na Gàidhlig airson ceanglaichean eadar Gàidheil ann an Alba is Èirinn a neartachadh. Bidh Iomain Cholmcille cuideachd a' ruith, airson a' chiad uair, Cupa Iomain na h-Òige, co-fharpais iomain airson sgoilearan Gàidhlig ann am Baile Ùr an t-Slèibh 9 An t-Sultain, ann am compairteachas le Comhairle na Gàidhealtachd. Eòghan Stiùbhart, Seumas Mac a' Chatharranais (Leòdhas), Seosamh MacAonghais, Calum Fearghastan (Uibhist / Camanachd Leòdhais), Alasdair Fearghastan (Uibhist), Greum MacIlledhuibh (Uibhist / Oilthigh Obar Dheathain), Donnchadh MacRàth (Ceann Loch Seile), Crisdean MacFhionnlaigh (Loch Carrainn), Mark Friseal, Jack Friseal (An Gearasdan), Connor Mac an t-Saoir, Coinneach Mòr (Inbhir Nis), Doneil MacLeòid (Both Fhleasgainn), Calum Gibb (Camanachd an Eilein), Gòrdan MacCoinnich, Aonghas MacLeòid, Anndra Grace (Dùn Omhain), Pòl Geadais (Oilthigh Ghlaschu) Catrìona Gibb, Iseabail Law, Emma Ghòrdan, Caitlin NicGilleathain, Cairistìona Dhòmhnallach, Sarah Jane Fhearghastan (Camanachd an Eilein), Ciorstaidh NicLeòid (Oilthigh Dhùn Èideann), Ceit Bradley, Ceitidh Nic-a-Phì, Joanne Ford, Annie NicDhòmhnaill, Claire Ford (Àrd nam Murchan), Màiri NicDhonnchaidh (Loch Abair), Ashleigh Fhriseal (An Gearasdan), Karen NicFhionguin (Latharna), Sophie Tinney (Glaschu Meadhan Earra-Ghaidheal) |