Sguad na H-Alba Air Ainmeachadh Airson Iomain Cholmcille a Seachd | |
29 October 2014 Tha Alba air an sguad ainmeachadh airson Iomain Cholmcille a Seachd ann an Glaschu an ath mhios. Thèid Iomain Cholmcille, an sreath iomain eadar-nàiseanta airson luchd-labhairt na Gàidhlig agus Gaeilge a chumail aig Pàirc Loch Innse air Ceann a Deas Ghlaschu air Disathairne 8 An t-Samhain. ’S e seo Iomain Cholmcille a Seachd agus tha e ga cumail ann an Glaschu airson a’ chiad uair. Thathar an dùil sluagh mòr a bhith an lathair airson tachartas a tha air sìor fhàs anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh. Thèid an geam eadar-nàiseanta airson Corn Cholmcille a chluich aig 1.30f eadar Sgioba na h-Alba, a’ riochdachadh Gàidhlig na h-Alba, agus Fir Uladh, o Chuige Uladh, a bhios a’ riochdachadh Gaeilige na h-Èireann. Bidh an sguad air a stiùireadh le Aonghas MacDhòmhnaill, a tha na phàirt de sgioba còidsidh Camanachd an Eilein Sgitheanaich. Tha grunn mhath de dh’eòlais anns an sguad, le sgiobair an Eilein Sgitheanaich, agus bràthair Aonghais, Gilleasbuig anns an sguad. A-measg an sguad, tha cluicheadairean a bhios a’ cluich airson a’ chiad uair, Alasdair Fearghastan agus Greum MacIlleDhuibh, a bhios a’ cluich do dh’Oilthigh Obar Dheathain ach a thàinig tro shiostam òigridh Camanachd Uibhist. A bharrachd air Aonghas agus Gillesabuig, tha dà chàraid de bhràithrean ann cuideachd, Alasdair agus Innes MacLaomainn o Chamanachd Leòdhais agus na bràithrean MhicAonghais, Iain Aonghas agus Daibhidh on Eilean Sgitheanach. A-measg nan cluicheadairean, tha Sean MacLeòid o Chamanachd Leòdhais a bhios air cluich do dh’Alba seachd tursan nuair a nochdas e air a’ phàirc an ath Dhisathairne. agus Iain “Spod” MacLeòid, a bha fhathast anns a’ bhun-sgoil nuair a chluicheadh a’ chiad Iomain Cholmcille ann an 2007 anns an Òban. Tha Fir Uladh, an sgioba a bhios a’ riochdachadh Gàidhlig na h-Èireann air am panail aca airson Iomain Cholmcille ainmeachadh cuideachd le manaidsear an sgioba Èirinnich, Padraig O Mianain a’ toirt chluicheadairean o air feadh na roinne. Thuirt co-ordanaiche Iomain Cholmcille, Eòghan Stiùbhart, gun robh e air a dhòigh leis an dà sguad: “Tha sguad na h-Alba na chòmharra air mar a tha an tachartas air fàs agus mar a tha foghlam Gàidhlig, beag air bheag, a’ cuideachadh an dà chuid, an cànan agus an spòrs.” “Bidh Aonghas na shàr-mhanaidsear, tha e gu math eòlach air an spòrs agus air a’ chànan agus bheir e eisimpleir mhath dha na gillean a’ cluich fo stiùir.” “Bidh Fir Uladh fada nas làidire na bha iad an dà bhliadhna roimhe agus iad an aon sgioba à Èirinn an turas seo. Tha iad nas eòlaiche air a’ ghnothach a-nis agus bidh e na shealladh iongantach airson luchd-amhairc.”
Sguad na h-Alba: Sean MacLeòid, Padraig Mac na Ceardaich, Alasdair MacLaomainn, Innes MacLaomainn, Pòl Duke (Camanachd Leòdhais), Alex Dunnings (Camanachd an Òbain) Dòmhnall Niall MacLeòid (Both Fhleasgainn), Coinneach Caimbeul (Tatha For), Alasdair Fearghastan, Greum MacIlleDhuibh (Oilthigh Obar Dheathain/Uibhist), Marc Friseal (Oilthigh Obar Dheathain), Gilleasbuig MacDhòmhnaill, Daibhidh MacAonghais, Iain Aonghas MacAonghais, Alasdair “Spod” MacLeòid, Iain “Spod” MacLeòid, Alasdair “Dig” MacDhòmhnaill, Daibhidh Grannd (Camanchd an Eilein), Crisdean MacFhionnlaigh (Loch Carrainn), Iain MacNeacail (Lòbhat) Sguad na h-Èireann: Joe Ó Dochartaigh (Sleacht Néill, Doire), Pádraig Ó Tiarnaigh (Eoghan Rua, Doire), Malachaí Ó hÁgáin (An Suaitreach, Doire), Cathaoir Ó Caiside (Sleacht Néill, Doire), Joe Ó Lochlainn (Sleacht Néill, Doire), Liam Óg Ó Flannagáin (Sleacht Néill, Doire), Ainle Ó Cairealláin (Na Piarsaigh, Corcaigh), Éanna Ó Caiside (Sleacht Néill, Doire), Colm Duffin (Tír na nÓg, Aontraim), Seán Ó Corráin (Naomh Gall, Aontraim), Aodhán Nutley (Craobh Rua Camlocha, Ard Mhacha), Brian Mac an tSionnaigh (An Cairdinéal Ó Dónaill, Aontraim), Éamonn Mac Lochlainn (Seamróga Bhéal Feirste, Aontroim), Frankie Ó Ceallaigh (Sleacht Néill, Doire), Oisín Mac an Bhiocáire (Ó Donnabháin Rosa, Aontroim), Naoise Ó Cairealláin (Naomh Pól, Aontroim), Caoimhín Ó Daimhín (Clann na nGael, Ard Mhacha), Déaglán Ó Laithbheartaigh (Leamhaigh, Doire), Conchúr Ó Muirí(Baile na Scríne, Doire), Pádraig Ó Mianáin (Eoghan Rua, Doire), Damian Ó Néill (Naomh Colum Cille, Tír Eoghain) |