Sgitheanaich Involved As Alba Drive To Victory At Iomain Cholmcille X | |
16 October 2017 Thog Fireannaich na h-Alba Corn Cholmcille le buaidh sgoinneil an aghaidh Fir Uladh Disathairne aig Iomain Cholmcille a Deich anns a’ Ghearasdan. Airson a’ chiad uair riamh, bha am Fèis Iomain airson luchd-labhairt na Gàidhlig ga chluich aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail agus nochd sluagh mòr ann aig Àrd-sgoil Loch Abar, far an robh an fharpais ga gluasad nuair a bha An Aird ro fhliuch. Dh’atharraich seo crùth na farpaise cuideachd, le sgiobaidhean nas lugha agus puist camanachd gan cleachdadh seach na puist eadar-nàiseanta, ach rinn seo an sealladh buileach na b’ fheàrr le geamannan beòthail agus làidir air feadh an latha. Anns a’ chiad gheam dearbhaidh eadar an da sgioba iomainiocht à Èirinn, Cumann Micheál Breathnach agus Fir Uladh, bha mòran tadhail agus mòran connspaid, ach ’s e Fir Uladh a bhuinnig aig deireadh an latha le cleas bonaid o Naoise O Caireallain (sàr-chluicheadair an latha dhaibh) agus aonan o Frankie O Ceallaigh a’ dol seachad air an trì a fhuair na Breathnaich le dhà o Maidhc O Conghaile (sàr–chluicheadair nam Breathnach) agus aon o Breandán O Conghaile. An uairsin, bha geam òigridh ann eadar Alba Òg agus Gaelcholaiste Dhoire. B’ e seo a’ chiad uair a bha geam den leithid ann, agus le Aonghas MacAonghais o Ghlaschu Meadhan Earra-ghaidheal aig an stiùir, rinn na h-Albannaich òga a’ chùis air na h-Èirinnich 3-1 le tadhail o Jamie MacLeòid agus Iain Mac an t-Sealgair. Thog Jamie MacGillIosa an duais ùr Cupa Bhòrd na Gàidhlig, agus tha Iomain Cholmcille a-nise a’ coimhead ri sgioba Alba Òg a chumail a’ dol san àm ri teachd. Bha cothrom aig sgioba fir na h-Alba beagan ullachadh a dhèanamh le geam goirid an aghaidh Cumann Micheál Breathnach. Bha Doneil MacLeòid à Inbhir Nis na àrd-choidse air an sgioba, le taic o Sean MacLeòid agus Iain Mac na Ceardaich à Leòdhas agus bha e air a dhòigh mar a thug an sgioba aige às a chèile fir Chonamara. Bha e cuideachd a’ còrdadh ri muinntir a’ Ghearasdain, gur e na balaich às a’ bhaile fhèin, Jack agus Mark Friseal, agus Lachlann Seathach a chur ceithir de na còig tadhail a-steach. Fhuair Ally MacDonald às an Eilean an còigeamh fear ann am buaidh 5-1. An uairsin, chluich boireannaich na h-Alba an aghaidh Cumann Cois Fharraige airson Corn Sgáthaich. Bha na ban-Èireannaich ro làidir anns a’ chiad leth agus chaidh iad air adhart 4-0 le tadhail o Tiffany Ní Choistealbha, Treasa Ní CHadhain, Sorcha Ní Fhrighil (a fhuair duais na sàr-chluicheadair) agus Becky Ní Eallaithe. Anns an dara leth, rinn Alba na b’ fheàrr, le Màiri NicDhonnchaidh agus Caitlin NicGilleathain a’ dèanamh iomlaid ann am meadhan na pàirce. Is e Claire Delaney a fhuair duais mar shàr-chluicheadair na h-Alba. Anns a’ chuairt dheireannach, bha an cluiche luath agus làidir, ach ged a bha làmh an uachdair aig na h-Albannaich, cha b’ urrainn dhaibh am ball a chur dhan lìon, bha Lachlann Seathach air leth mì-fhortanach le dà pheilear a bhuail am post. Anns an dara leth ge-tà, fhuair iad ann an gleus agus rinn na bràithrean Frisealach a’ chùis, Jack le dhà agus Mark le aon, le tadhal eile o Eòghan Caimbeul on Mhanachainn a’ sgòradh an ceathramh tadhail airson buaidh a thoirt do dh’Alba. Thog Greum MacIlleDhuibh an cupa airson a’ chiad uair ann an Alba o 2010 le gairdeachas. Chòrd an latha cho math ris an luchd-amhairc, nam measg Shona NicIllinein Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, agus Ailean Caimbeul, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich, agus nuair a thug iad seachad na duaisean thuirt iad cho moiteil ’s a bha iad às an obair a rinn Iomain Cholmcille thar nam bliadhnaichean airson cleachdadh na Gàidhlig a bhrosnachadh agus cho brosnachail ’s a bha e an òigiridh a chluinntinn a’ bruidhinn na Gàidhlig. Thuirt Eòghan Stiùbhart, co-ordanaiche Iomain Cholmcille fad deich bliadhna “Tha sinn cho taingeil dhan Mhòd Nàiseanta airson leigeil leinn an fharpais a chumail an lùib Mòd Loch Abar, agus cuideachd do Cholmcille airson taic a chumail rinn gach bliadhna. Is e latha sgoinneil a bh’ ann agus tha sinn cho toilichte gun robh sinn a’ sealltainn mar as urrainn do spòrs sgioba a bhith glè shoirbheachail aig cridhe leasachadh na Gàidhlig.” Results from Iomain Cholmcille – Gaelic Shinty / Hurling Internationals Hurling Play-off Fir Uladh 4 – Micheál Breathnach 3 Cupa Bhòrd na Gàidhlig Alba Òg 3 – Gaelcholaiste Dhoire 1 Shinty / Hurling Exhibition Alba 5 – Micheál Breathnach 1 Corn Sgáthaich – Shinty / Camogie Cois Fharraige 4 – Alba 0 Corn Cholmcille Alba 4 – Fir Uladh 0 |