Micheal Breathnach Win Iomain Cholmcille 6 | |
17 October 2013 Bha Iomain Cholmcille na shoirbheachas mòr eile an deireadh-seachdain seo chaidh ann an Indreabhán, Co. Na Gaillimhe. Bha sluagh mòr airson tachartas air leth le mòran gheamannan aig diofar ìrean ach gu mì-fhortanach do sgioba na h-Alba, bha iad air an deagh bheatadh le Cumann Micheál Breathnach anns a' gheam mhòr airson Corn Cholmcille. Anns a' mhadainn, chluich Alba geam goirid an aghaidh Fir Uladh, an sgioba o Chuige Uladh. Bha an geam seo gun sgòr aig letheach slìghe ach anns an dara leth, leis a'ghaoth air an cùl bha na h-Èirinnich a'cur phuingean. Gu fortanach, chuir Crisdean MacFhionnlaigh, Lochcarrainn agus Gilleasbuig MacDhòmhnaill, Camanachd an Eilein, dà thadhal shònraichte. Chluich Fir Uladh geam an aghaidh dara sgioba Cumann Micheál Breathnach agus anns a' gheam sin, bha a' ghaoth a-rithist cudromach agus bhuinnig Fir Uladh an geam sin 2-13 gu 3-9. Anns a' gheam mhòr, thòisich Alba gu misneachail agus ged a chaill iad tadhal tràth, thàinig iad air ais, chuir Kerr Gibb puing tarsainn bho chluich agus an uairsin, chuir Iain MacNeacail agus Crisdean MacFhionnlaigh dà phuing an urra tarsainn le slacan cumhachdail. Ach nuair a chaidh Gordon MacCoinnich a dhíteadh gun adhbhar, chaidh na Breathnaigh air tòiseach a-rithist le urchair a-steach dhan lìn nach tug cothrom sam bith do dh'Eòghan Stiùbhart eadar na puist. Sheas na h-Albannaich gu daingeann an uairsin, ach thachair rud gu math mì-fhortanach nuair a chailleadh Doneil MacLeòid gu buille-cinn. Bha an cluicheadair Bhoth Fhleasgainn air a bhith sònraichte aig a' chùl is nuair a dh'fhalbh e, bha cùisean dèanta. Chaill na h-Albannaich pùing agus dà thadhal ro leth-ùine agus chrìochnaich e aig 13-5. Ag ràdh sin, bha fhios aig Alba gum faigheadh iad a-steach dhan gheam a-rithist le tadhal no dhà, ach cha robh cothrom aca idir. Chaill iad Iain MacNeacail do leòn mun cheann agus bha a' ghaoth leis na h-Èirinnich. Chuir an sgioba-taighe 18 pùingean gun fhreagairt agus bha cùisean gu math doirbh do dh'Alba ach lean iad orra gus an fhideag mu dheireadh. Bha Eòghan Stiùbhart gu math feallsanachail mun gheam. "'S e briseadh dùil a bha anns an sgòr mu dheireadh thall, ach chum na gillean a’ dol. 'S e buidheann gu math òg a bha againn an turas seo is nuair a chaill sinn Doneil agus Iain Crossal, bha an cothrom air falbh. Tha na Breathnaigh air tighinn air adhart gu mòr agus bha iad ro làidir dhuinn. Tha mi toilichte gun d' fhuair sinn draw an aghaidh Fir Uladh ge-tà.” “'S e an cànan a tha aig cridhe na farpais seo agus tha mi toilichte mar a chaidh leis. Tha na gillean uile air am misneachdadh agus bidh iad air rudan ionnsachadh agus bidh iad a' tilleadh an ath bhliadhna.” Bha Cian O Griallais o Micheal Breathnach gu math àiridh air duais an t-sàr-chluicheadair agus thug Sean MacLeòid, a tha air cluich ann an gach Iomain Cholmcille moladh mòr air na h-Èirinnich air fad. “Mìle taing dha na Breathnaich, bha iad gu math làidir an-diugh ach bha iad ceart cho làidir a thaobh mar a chuir iad air dòigh an tachartas sònraichte seo. Taing mhòr gu h-àraidh do Sean Mac Reamoinn, bha esan a' ruith chùisean an seo agus rinn esan agus comataidh Cumann Micheal Breathnach sàr-obair.” Tron latha cuideachd, rinn Sean agus na gillean eile coidseadh do dh'òigridh na sgìre agus bha co-fharpais Blitz annle sgiobaidhean o Chonamara agus Dùn nan Gall. Thathar an dòchas gun tig leudachadh air Iomain Cholmcille nuair a thilleas e gu Alba an ath bhliadhna. Ars Eòghan Stiùbhart: “Tha sinn gu mòr gum bi òigridh agus boireannaich an-sàs ann an ath bhliadhna ann an Alba.Thàinig a h-uile duine sa sguad ach mi fhèin tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus mar a thuirt Ally MacLaomainn aig Camanachd Leòdhais, tha an co-fharpais seo a' dèanamh Gàidhlig tarraingeach agus spòrsail agus bu toigh leam an cothrom sin a thoirt gu barrachd dhaoine an ath bhliadhna.” Tha Iomain Cholmcille a' faighinn taic o Cholmcille, a' bhuidheann a bhios ag amas air ceanglaichean eadar Gàidheil ann an Alba is Èirinn a neartachadh is a leudachadh. The following Facebook link gives access to pictures taken on the day |