Iomain nam Ban – Sgioba nan Gàidheal | |
29 June 2015 Thèid trèanadh iomain sònraichte do bhoireannaich a chùmail anns a’ Ghearasadan Disathairne 25mh den Iuchar aig Àrd-sgoil Lochabair. Bidh an trèanadh seo fosgailte do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig o aois 13 gu inbhich. Thèid an trèanadh a chùmail tro mheadhan na Gàidhlig agus thathar an dòchas gun cuidich e le bhith a’ misneachadh cleachdadh na Gàidhlig a-measg cluicheadairean boireanta de dh’iomain. Tha Iomain nam Ban ga cur air dòigh cuideachd le dòchas gum bi co-fharpais bhoireannach an-lùib a’ cho-fharpais eadar-nàiseanta do luchd-labhairt na Gàidhlig agus Gàidhlig na h-Èireann – Iomain Cholmcille. Ged a tha Iomain Cholmcille air a bhith a’ ruith thachartasan òigridh an lùib na co-fharpais on thòisich e ann an 2007, ’s e seo a’ chiad uair a bhiodh farpais bhoireannach an-sàs sa ghnothach. Thuirt Catrìona Gibb, a bhios a’ cluich do Chamanachd an Eilein, sgioba le mòran chluicheadairean le Gàidhlig. “Bha mi fhèin agus mo charaid Ciorstaidh a’ smaoineachadh aon oidhche air an uiread de chluicheadairean aig a bheil Gàidhlig agus chunnaic sinn an soirbheachas a tha air a bhith aig na fir le Iomain Cholmcille agus smaoinich sinn gum biodh e math an leithid a bhith againn fhèin. Chan fheum thu a bhith uamhasach fileanta airson a bhith an-sàs ann, dìreach deònach bruidhinn agus spòrs a bhith agad.” Chuir Co-ordanaiche Iomain Cholmcille ann an Alba, Eòghan Stiùbhart fàilte air an iomairt ùr. “Tha Colmcille air taic-airgid a thoirt dhuinn airson sgioba nam ban a thòiseachadh agus bidh seo na chuideachadh mòr dhuinn. Tha am pròiseact air a bhith na mhisneachadh mòr do dh’iomadh fear òg an cuid Ghàidhlig a chleachdadh agus bha sinn a’ suileachadh gun robh an leithid a dhìth air boireannaich anns an roinn spòrs.” “Is iongantach an oidhirp agus an iomairt a bhios boireannaich a’ sealltainn a thaobh iomain agus tha mi cinnteach gum faic sinn an dearbh rud a thaobh na Gàidhlig. ’S i buidheann shaor-thoileach a tha ann an Iomain Cholmcille mar sin nuair a thàinig Catrìona Gibb agus Ciorstaidh NicLeòid thugainn leis a’ bheachd-smuain bha sinn glè thoilichte taic a chur ris.” Thathar an dùil gum bi Iomain Cholmcille 8 ga chùmail ann an Dùn nan Gall anns an Dàmhair. Tha Colmcille na bhuidheann eadar-nàiseanta a bhios ag amas air ceanglaichean eadar Gàidheil ann an Alba is Èirinn a neartachadh. Tha Eòghan an dòchas gun lean am pròiseact seo fad bhliadhnaichean mòra eile. “Tha sinn cuideachd a’ mothachadh gum feum sinn cluicheadairean ullachadh airson co-fharpais mar seo agus ’s e sin as còireach gu bheil an trèanadh fosgailte do sgoilearan àrd-sgoil a bhiodh ro òg airson a dhol a dh’Èirinn aig an ìre-sa.” Tha Iomain Cholmcille glè ainmeil airson a thaobh soisealta cuideachd. Tòisichidh Iomain nam Ban aig meadhan latha 1200 agus thig e gu crìoch aig 1600 le biadh airson a h-uile duine an uairsin. Mur urrainn do chuideigin a bhith an lathair agus bhiodh ùidh aca ann a bhith an-sàs anns a’ phròiseact san àm ri teachd, leig fios gu iomaincholmcille@gmail.com no cuir fòn gu Catriona 07833452847 no Eòghan 07815183841. |