Iomain Cholmcille a Seachd Ann an Glaschu | |
28 October 2014 Thèid Iomain Cholmcille, an sreath iomain eadar-nàiseanta airson luchd-labhairt na Gàidhlig agus Gaeilge a chumail aig Pàirc Loch Innse air Ceann a Deas Ghlaschu air Disathairne 8 An t-Samhain. ’S e seo Iomain Cholmcille a Seachd agus tha e ga cumail ann an Glaschu airson a’ chiad uair. Thathar an dùil sluagh mòr a bhith an lathair airson tachartas a tha air sìor fhàs anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh. Thèid an geam eadar-nàiseanta airson Corn Cholmcille a chluich aig 1.30f eadar Sgioba na h-Alba, a’ riochdachadh Gàidhlig na h-Alba, agus Fir Uladh, o Chuige Uladh, a bhios a’ riochdachadh Gaeilige na h-Èireann. Gu mì-fhortanach, chan urrainn don sgioba a thog Corn Cholmcille an turas mu dheireadh, CLG Micheal Breathnach, gu bhith a’ gabhail pàirt ann airson an tiotal a dhion, ach tha Fir Uladh air pàirt a ghabhail san dà cho-fharpais mu dheireadh agus iad an dòchas an tiotal a ghlèidheadh airson a’ chiad uair. Bidh sgiobaidhean òigridh de sgoilearan o Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ cluich ro làimhe ann an co-fharpais òigridh o 11m gu 1f agus tha tachartasan neo-fhoirmeil gu bhith a’ tachairt air iomall a’ gheam. Feasgar, cruinnichidh na Gàidheil o gach dùthaich aig Talla Baile Chnoc Màiri airson cùirm shònraichte mus tòisich cèilidh a bhios fosgailte do phobaill, le Fergie Dòmhnallach a’ cluich ann aig 9f. Uile gu lèir bidh còrr is ceud cluicheadairean an-sàs ann air an latha agus bidh e a’ toirt bliadhna mhath airson spòrs ann an Glaschu gu crìoch Ghàidhealach. Thuirt Co-ordanaiche na h-Alba do dh’Iomain Cholmcille, Eòghan Stiùbhart, “Tha sinn air leth toilichte a bhith a’ cumail Iomain Cholmcille ann an Glaschu, air seo an seachdamh turas. Tha an co-fharpais air a dhol o neart gu neart on a thòisich e ann an 2007 san Òban.” “Tha taic Cholmcille air cur ri tachartas sònraichte ann an saoghal spòrs. Chan eil mòran thachartasan den leithid ann far a bheil prìomhachas aig cànan. Tha na cluicheadairean o gach dùthaich a’ toirt mòran misneachd on a bhith a’ trèanadh agus a’ cluich còmhla tro mheadhan a’ chànain aca pèin. Tha na ceanglaichean a-measg nan Gàidheal, ma tha iad san aon dùthaich air neo o dhùthaich fa leth gan neartachadh gu mòr tron tachartas seo.” “Tha sinn cuideachd taingeil do dh’Oilthigh Ghlaschu, Comann Oiseanach Oilthigh Ghlaschu, An Lòchran, Gaels le Chèile, Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Camanachd Gàidheil Ghlaschu, Comann na Gàidhlig agus Camanachd an Eilein Sgitheanaich airson an taic a tha iad air cur rinn. Tha sinn gu sònraichte a’ moladh Oifigear na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu, Fionnghall Dunn airson obair ionmholta a rinn i gus an tachartas a chur air dòigh.” |