Iomain Cholmcille 6 | |
06 October 2013 The sixth Iomain Cholmcille will be held in Inverin, County Galway on Saturday 12 October 2013. Iomain Cholmcille is the major sporting event for Gaelic speakers and has been run since 2007. Originally, Michael Breathnach GAA represented Ireland against an Alba side of Gaelic speakers from across Scotland. In 2012, at Iomain Cholmcille a Còig in Portree, Skye, two other teams featured, Na Sgitheanaich from Skye and Fir Uladh, from the nine counties of Ulster. These international games are played under the compromise rules as laid down by the Gaelic Athletic Association and the Camanachd Association but with special rules that all players must have Irish or Scots Gaelic and that they must use this on the park. The series has also been notable for the holding of the first ever Hurling game held in the Highlands of Scotland between the Breathnaich and Fir Uladh in 2012 as well as the great ceilidhs in the evening which bring together some of the finest musicians from both nations. This project has always aimed to increase and strengthen linguistic and cultural ties through the sport of the Gael. It has been very successful over the years, especially in Scotland, giving confidence to young men to use their Gaelic in an informal, sporting situation. The series is supported by Cholmcille, the body set up to increase and strengthen links between the Gaelic speaking areas of the two nations. The previous winners are 2007 - Micheal Breathnach (Èire) in Oban 2008 - Micheal Breathnach (Èire) in Galway 2010 – Alba in Portree 2010 - Micheal. Breathnach (Èire) in Galway 2012 - Na Sgitheanaich (Alba) in Portree
Thèid an siathamh ruith de dh'Iomain Cholmcille a chumail air Disàthairne 12 Dàmhair ann an Indreabhán, Co. Na Gaillimhe. Tha Iomain Cholmcille na phrìomh thachartas spòrs airson iomain tro mheadhan na Gàidhlig agus tha e air a bhith a' ruith o 2007. Bho thùs, bha CLG Micheal Breathnach a' riochdachadh na h-Èireann an aghaidh sgioba air a tharraing o chluicheadairean le Gàidhlig o air feadh na h-Alba. Ann an 2012, aig Iomain Cholmcille a Còig ann am Port Rìgh, an t-Eilean Sgitheanach, nochd dà sgioba ùr, sgioba on Eilean fhèin agus sgioba a' riochdachadh Cuige Uladh, Fir Uladh. Am bliadhna, bidh Alba, Micheal Breathnach agus Fir Uladh uile an-sàs a-rithist. Tha na gèamannan eadar-nàiseanta seo gan cluich fo na riaghailtean co-rèitichte mar a tha iad gan cur sìos le Cumann Lùthchleas na nGael agus Comann na Camanachd ach le riaghailt shònraichte gum feum Gàidhlig no Gaeilge abhith aig gach cluicheadair agus feumaidh iad a cleachdadh air a' phàirc. Tha an sreath cuideahcd air iomadh rud eile inntinneach a bhrosnachadh; a' chiad ghèam iomainiocht air Gàidhealtachd na h-Alba ann an 2012 eadar na Breathnaigh agus Fir Uladh agus ceilidhean ciùil iongantach air an oidhche le cuid dhe na luchd-ciùil as fheàrr bho gach dùthaich. Tha am pròiseact seo ag amas air ceanglaichean cànain is cultair a leudachadh is a neartachadh tro spòrs nan Gàidheal. Tha e air a bhith gu math soirbheachail thar nam bliadhnaichean, gu h-àraidh ann an Alba le bhith a' misneachadh fhir òga an cuid ghàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean neo-fhoirmeil spòrsail. 'S e seo clàr de na cho-fharpaisean agus na sgiobaidhean a bhuinnig gu ruige seo: 2007, san Òban, Micheal Breathnach (Èire) 2008, sa Ghaillimh, Micheal Breathnach (Èire) 2010, am Port Rìgh, Alba 2010, sa Ghaillimh, Micheal. Breathnach (Èire) 2012, am Port Rìgh, Na Sgitheanaich (Alba)
|