Cuach Shomhairle MhicGill-Eain - Ard Sgoil Phort Righ V Ard Sgoil a’ Phluic. | |
12 April 2010 Cuach Shomhairle MhicGill-Eain Ard Sgoil Phort Righ V Ard Sgoil a’ Phluic Pàirc nan Laoch, Port Rìgh, Diciadain 12 An Giblean 4f
Chaidh a’ cho-fharpais seo a chur air dòigh eadar an dà sgoil mar chuimhneachan air a’ bhàrd Ghàidhlig chliùiteach Somhairle MacGill-Eain, nach maireann, a chaochail ann an 1996.
Rugadh Somhairle ann an Ratharsair ann an 1911 agus bha e na sgoilear aig Àrd Sgoil Phort Rìgh mus deach e gu oilthigh ann an Dùn Èideann far an do chluich e iomain do sgioba an Oilthigh. Thill e dhan sgoil na thidsear agus chluich e dhan sgoil nuair a bhuannaich Ard Sgoil Phort Rìgh an Cupa Robasdain ann an 1937 – sgrìobh e mu dheidhinn seo san dàn “An t-Earrach 1937” a tha ri leughadh ann an eachdraidh Chomann Camanachd an Eilein Sgitheanaich “ A Century Remembered”.
Mu dheireadh thall, chaidh e na mhaighstir-sgoile aig Ard Sgoil a’ Phluic agus thug e tòrr brosnachadh do spòrs nan Gàidheal ann an sgìre Loch Aillse gu h-àraidh do sgioba Cheann Loch Seile Bha Seonaidh “Ach” MacRàth nach maireann na sgoilear aig Somhairle.
Ach bha Somhairle a’ fuireach air a’ Bhràigh san Eilean agus bha ceangal laidir aige ri Comann Camanachd an Eilein Sgitheanaich. Bha e ri fhaicinn air cliathaich na pàirce glè thric ri taobh Dhòmhnaill Ruairidh Dhòmhnallaich “DR” nach maireann a bha pòsta ris an nighinn aige, Catriona. Tha na h-oghaichean aige, Somhairle, Aonghas agus Gilleasbuig fhathast a’ cluich dhan Eilean an-diugh agus tha iad fhèin air pàirt a ghabhail sa cho-fharpais mar sgoilearan agus mar rèitirean tro na bliadhnaichean.
Tha an Cuach air a bhith ann an làmhan Phort Rìgh o 2005 ach bheir muinntir a’ Phluich brosnachadh bhon sgioba nigheannan aca a bhuannaich an aghaidh Phort Righ sa Chuach Sgàthaich roimhne Nollaig.
Sgioba Phort Rìgh
Iain MacLeod Iain Grant Calum Gibb Scott MacLeod Shaun Hedley Ally MacLeod Martin Bruce Magnus Burd Stewart Grant (sgiobair) Chris MacLennan Jordan Murchison John Gillies Stuart MacSween Scott MacDonald Iain MacPherson William Cowie Mark Mortimer Rammie Orr
Reserves
Euan Forrest Liam Tonagh |