Tha Manaidsear Sgioba na h-Alba, Eòghan Stiùbhart, air a sguad ainmeachadh airson Iomain Cholmcille a Trì anns an Eilean Sgitheanach air Disathairne an 13mh An Gearran. Bidh Alba a’ cluich CLG Micheál Breathnach à Eirinn airson a’ Chuach Cholmcille, a tha na h-Èirinnich air gleidheadh dà thuras roimhe seo ann an gèam fo riaghailtean rèitiche.
Tha a’ mhòr-chuid den sguad às an Eilean Sgitheanach, ‘s am bràthair Domhnallach as sine, Somhairle, a’ nochdadh airson a’ chiad turas san sguad còmhla ris a bhràthair Gilleasbuig a bhios a’ cluich don sgioba Gàidhlig airson an treas turas. Tha am bràthair eile Aonghas na iar-mhanaidsear aig an sgioba.
Ged nach eil e ach seachd deug bliadhna a dh’aois, bidh Niall Iain Caimbeul, às an Eilean agus aig a bheil buntanas làidir ri Uibhist a Tuath, a’ toirt tòrr eòlas air na riaghailtean rèitiche ‘s Niall Iain air cluich do dh’Alba an aghaidh na h-Èirinnich iomadh uair aig ìre òigridh.
Tha na cluicheadairean eile a’ tighinn bho Chamanachd Leòdhais, Loch Bhraoin, Uibhist, Oilthigh Obar Dheathain, Tatha For, Àird nam Murchan agus Inbhir Nis a chluich airson na sgioba ach ‘s e an rud as cudromaiche gu bheil Gàidhlig aca uile agus feumaidh iad bruidhinn fad na h-ùine, gu h-àraid air a’ phàirc.
Thuirt Stiùbhart “’S e cluicheadairean math a tha againn sa sguad agus bidh sinn a’ dol a-mach airson buannachadh ‘s buannachadh gu math ach chaidh na balaich uile a thaghadh air sgàth ‘s gu bheil Gàidhlig aca agus tha e gu math doirbh do dh’fhir òga an cothrom fhaighinn Gàidhlig a bhruidhinn. ‘S e an riaghailt a bharrachd air na riaghailtean eadar-nàiseanta a bhios ann gum feum iad Gàidhlig a bhruidhinn air a’ phàirc neo gheibh iad cairt dhearg ach ‘s cinnteach nach bi dragh sam bith le sin – tha na balaich uile glè dheònach agus glè phròiseil às a’ Ghàidhlig.
Lean Stiùbhart air, “Tha barrachd ‘s a bharrachd chluicheadairean Gàidhlig a’ tighinn troimhe gach bliadhna. Dh’fhaodainn trì sgioba inbhich a bhith agam a dh’innse na fìrinn. Bu toigh leam sreath de sgiobaidhean òigridh, sgiobaidhean boireannach agus sgiobaidhean inbheach a bhith ann, a’ cluich ri chèile agus an aghaidh nan Èirinneach. ‘S e cothrom air leth a tha ann airson Gàidhlig a bhruidhinn ann an suidheachadh spòrsail, aotrom, nàdarrach agus bidh e an-còmhnaidh a’ còrdadh ris an dà shluagh, Èirinnich is Albannaich.”
Thèid an geàm a chluich aig Pàirc nan Laoch, Port Rìgh air an 13mh An Gearran 2009, a’ toiseachadh aig 1.30f.
Tha Iomain Cholmcille a’ faighinn taic-airgid bho Cholmcille a bhios ag amas air ceanglaichean a steidheachadh is a neartachadh eadar Gaidheil ann an Alba agus Èirinn.
Sguad na h-Alba
Eoghan Stiùbhart (Manaidsear)
Gilleasbuig MacDhomhnaill (Camanachd an Eilein)
Somhairle MacDhomhnaill (Camanachd an Eilein)
Kerr Gibb (Camanachd an Eilein)
Daibhidh Grannd (Camanachd an Eilein)
Iain Moir (Camanachd an Eilein)
Iain MacNeacail (Camanachd an Eilein)
Iain Moireasdan (Camanachd an Eilein)
Niall Iain Caimbeul (Camanachd an Eilein)
Coinneach MacLeòid (Camanachd an Eilein)
AB Connor (Camanachd an Eilein)
Tom Butler (Camanachd an Eilein)
Dòmhnall Niall MacLeòid (Inbhir Nis)
Dòmhnall MacLaomainn (Oilthigh Obar Dheathain)
Keith Domhnallach (Camanachd Uibhist)
Conor Domhnallach(Camanachd Leòdhais)
Pòl Duke (Camanachd Leòdhais)
Sean MacLeòid (Camanachd Leòdhais)
Coinneach Caimbeul (Tatha For)
Seumas Nairn (Loch Bhraoin)
Seumas MacRath (Loch Bhraoin)
Ailean Nairn (Àird nam Murchan)