Iomain Cholmcille a Trì To Be Held On Skye. | |
15 December 2009 It has been announced that Iomain Cholmcille a Trì will be held in Portree, Thèid Iomain Cholmcille a Trì a chumail ann am Port Rìgh san Eilean Sgitheanach air Disathairne an treas là deug den Ghearran 2010. International Gaelic Shinty / Hurling Iomain Cholmcille is an international project between Since the start of the project in 2007, Micheal Breathnach GAA from Inverin, Galway have played against a Scottish select side, ALBA, chosen from Gaelic speaking players from throughout Scotland. “Na Breathnaigh” have beaten “Na h-Albannaich” twice in Oban in 2007 and The game will be played at Pàirc nan Laoch, home of Skye Camanachd and its very fitting that this fixture will be played in a place where the sport and language of the Gael go together so often. Eoghan Stewart, manager of the ALBA team and the Scottish co-ordinator of the project said “I’m looking forward to the game, especially bringing it to a Scottish Gaelic community for the first time. It’s so important that both shinty and Gaelic go from strength to strength together in the future and that there are opportunities for young men to use their language in a sporting situation. “We hope that this event will give a big boost to Gaelic in the shinty world, to connections between the two sports, the two cultures and the two languages, as well as to the Skye economy at a quiet time of the year.” A ceilidh and reception will also be held at Skye Camanachd Club House at night time and a youth competition is planned for the morning before the big game. More information from www.colmcille.net Geam Iomain Eadar-naiseanta Gaidhlig Thèid Iomain Cholmcille a Trì a chumail ann am Port Rìgh san Eilean Sgitheanach air Disathairne an treas là deug den Ghearran 2010. Tha Iomain Cholmcille na phroiseact eadar-naiseanta eadar Alba agus Eirinn far am bi sgiobaidhean iomain bho na coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Alba agus Eirinn a’ tighinn còmhla airson geama chluich fo na riaghailtean eadar-nàiseanta. Tha e ag àmas air an dà chultur agus dà chànan a neartachadh ri chèile tro spòrs. Tha e a’ faighinn taic-airgid bho Cholmcille, buidheann eadar-naiseanta a tha ag amas air dlùth-cheanglaichean a steidheachadh eadar coimhearsnachdan Gaidhlig. Bhon a thoisich an iomairt seo ann an 2007, tha CLG Micheal Breathnach à Indreabhan, Co.Gaillimh air cluich an aghaidh sgioba camanachd a tha a’ taghadh chluicheadairean aig a bheil Gàidhlig bho air feadh na h-Alba. Tha na Breathnaigh air a’ chùis a dhèanamh air na h-Albannaich dà thuras mu thràth anns an Oban ann 2007 agus ann an Gaillimh ann an 2008 agus bidh iad ag amharc air gleidheadh a’ chuaich airson an treas turas ann an 2010. Thèid an gèam a chluich aig Pàirc nan Laoch, dachaigh Chomann Camanachd an Eilein, agus tha e gu math freagarrach gu bheil an gèam seo ga chluich ann an àite far a bheil cànan agus spòrs nan Gàidheal a’ dol an lùib a chèile gu mòr. Thuirt Eòghan Stiubhart, manaidsear sgioba na h-Alba agus stiùiriche Albannach a’ phròiseict, “Tha mi a’ coimhead air adhart ris a’ ghèam agus gu h-àraidh gu bhith ga thoirt do choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Alba airson a’ chiad uair. Tha e cho cudromach gu bheil Gàidhlig agus Camanachd a’ dol bho neart gu neart ri chèile san àm ri teachd agus gu bheil na cothroman ann airson fir òga an cànan aca a chur gu feum ann an suidheachadh spòrs.” “Tha sinn an dòchas gun toir an tachartas seo spionnadh mhòr do Ghàidhlig ann an saoghal na Camanachd, do cheanglaichean eadar an dà spòrs, an dà chultar agus an dà chànan agus do dh’eaconamaidh an Eilein aig àm sàmhach den bhliadhna.” Bidh Stiubhart ag ainmeachadh a sguad aige sa bhliadhna ùr agus tha e a’ taghadh an sgioba a-rèir dà Bidh cuirm ga chumail aig Taigh-cluba Chomann Camanachd an Eilein air an oidhche agus thèid co-fharpais oigridh a chumail sa mhadainn ron ghèam mhòr. Barrachd fiosrachadh aig www.colmcille.net |