Home |
Latest News |
News Archive |
2011 News |
2010 News |
News - 1st Team |
News - 2nd Team |
News - Juveniles U14/u17 |
Social Club |
Skye Camanachd Gym |
Under 14 Shinty |
Juveniles |
Primary Shinty |
Cuairt Gu California |
Fixtures |
Shop |
Results 2008 |
Registration Form |
Club History |
The View From The Touchline |
Balliemore Cup Winners 2008 |
League Tables |
University Shinty |
What The Papers Say |
Shinty Links |
Shinty Lotto |
Results 2009 |
Live Results |
Shinty Pitch Maps |
Fun And Games |
Search |
| Sgioba Gaidhlig Air Tilleadh Bho Eirinn. | |
| 19 October 2008 Chluich seachdnar cluicheadairean bhon Eilean Sgitheanach airson Alba, sgioba camanachd na Gaidhlig ann an Gaillimh diereadh seachdain seo chaidh mar phairt de dh'Iomain Cholmcille 2008. 'S e Eoghan Stiubhart a bh' anns a' mhanaidsear agus 's e na cluicheadairean eile bhon Eilean, Gilleasbuig MacDhomhnaill, AB Connor, Daibhidh Grannd, Iain Moir, Kerr Gibb agus Iain "Crossal" MacNeacail. Cuideachd, chluich Ailean Domhnallach as a' Bhraigh is a bhios a' cluich do dh'Oilthigh Ghlaschu, airson pios math den gheam. Chluich na h-Albannaich an aghaidh Micheal Breathnach CLG ann an Indreabhan, Co. na Gaillimhe. Gu mi-fhortanach, chaill iad an geam 18 - 12 air pairc fhliuch le feur fada ach chluich na h-Albannaich gle mhath, Gilleasbuig a' cur tadhal math agus Kerr a' cur da phing thairis air a' bhar. Bha na cluicheadairean cuideachd a' deanamh coidseadh tro mheadhan na Gaidhlig do dh'oigridh na sgire agus a gabhail pairt ann an ceilidhean Gaidhlig thairis air an deireadh seachdain. Fhuair am proiseact taic-airgid bho Iomairt Cholmcille agus Comunn na Gaidhlig. Thathar an dochas gun teid am proiseact a chumail a-rithist an ath bhliadhna aiteigin ann an Alba. | |
